Naidheachdan 11:00m
Shabana Mahmood
Tha Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, gu bhith ag innse a dh'aithghearr mar a tha i an dùil dèanamh cinnteach gun tèid fear a bha gu mòr an sàs ann am buidheann èigneachaidh ann an Rotherham a chur a-mach às an dùthaich. Bha Shabir Ahmed air a shaoradh air urras bho chionn ghoirid, às dèidh a bhith air a dhìteadh ann an 2012 air grunn chasaidean de dh'eucoirean feiseil an aghaidh chloinne. Tha an lagh an-dràsta a' cur stad air an riaghaltas bho bhith a' cur dhaoine a rugadh ann an dùthchanan a' Cho-fhlaitheis, 's a ràinig an dùthaich seo bho chionn còrr air 50 bliadhna, air ais gu na dùthchanan bhon tàinig iad. Tha ceist ann cuideachd am biodh Pagastàn deònach Ahmed a thoirt air ais.
Casg-bhannan
Tha an Rìoghachd Aonaichte agus an t-Aonadh Eòrpach air casg-bhannan ùra a chur an sàs an aghaidh na Ruis, agus iad a' fàgail air tè de bhuidhnean teàrainteachd na dùthcha sin gun robh iad ri ionnsaighean saidhbear air dùthchanan Eòrpach. Thuirt an EU gun robh naoinear a' tighinn fo bhuaidh nan casg-bhannan aca - 's an Rìoghachd Aonaichte air 24 duine a chur air an liosta dhubh aca.
Iran
Tha Iran ag ràdh gu bheil iad air ionnsaighean a dhèanamh air ionadan le feachdan armaichte nan Stàitean Aonaichte ann an Iòrdan, Bahrain agus Kuwait agus air siostaman reudar ann an Oman. Bha na h-Ameireaganaich air sreath eile de dh'ionnsaighean a dhèanamh tron oidhche air targaidean ann an Iran. Tha an dà thaobh air a dhol a-mach air a chèile a-rithist mu cò aig am bu chòir smachd a bhith air Caolas Hormuz. Tha e coltach gu bheil còmhraidhean a' leantainn tro eadar-mheadhanairean ge-tà.
Ann Widdecombe
Tha fear aois 28 an grèim fhathast, fo amharas aig na poilis gun do mhuirt e Ann Widdecombe, a bha roimhe na ministear ann an riaghaltasan Tòraidheach. Bhàsaich i às dèidh ionnsaigh na dachaigh fhèin ann an Devon. Tha na poilis ag ràdh nach eil fianais sam bith aca gun robh adhbhar poileataigeach ann airson na cùise.
Sam Neill
Tha an cleasaiche film agus telebhisean, Sam Neill, air bàsachadh aig aois 78. Thuirt an teaghlach nach robh dùil ris idir, 's e air innse anns a' Ghiblean gun robh e a-nis saor bhon aillse a bha air. Bha e aithnichte airson fiolmaichean an leithid Jurassic Park, The Piano agus The Hunt for Red October, ach cuideachd airson na sreath telebhisean Peaky Blinders. Ged a rugadh Neil ann an Èirinn a Tuath, ghluais an teaghlach aige a New Zealand na òige.
Tiriodh
Thuirt na poilis gun deach fear a chur an grèim leotha aig Fèis Chiùil Thiriodh air an deireadh-sheachdain, ann an co-cheangal ri ionnsaigh fheiseil. Chaidh an duine aois 24 a leigeil ma sgaoil agus tha rannsachadh nam poileas air a' chùis a' leantainn.
Inbhir Ìonaid
Chaidh an t-seirbheis smàlaidh a ghairm gu teine aig garaids air oighreachd Inbhir Ìonaid air Taobh Siar Rois, goirid an dèidh 09:00 madainn an-diugh. Tha einnseanan-smàlaidh bhon Chaol agus bhon Àth Leathann aig an làraich agus tha einnsean eile air a slighe à Cille Chuimein a rèir choltais. 'S ann le ceannard Dubai, Mohammed bin Rashid al Maktoum, a tha oighreachd Inbhir Ionaid.