An stèidhiche mu dheireadh a' fàgail Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath

Tormod 'Curly' MacLeòid
- Air fhoillseachadh
Tha an duine mu dheireadh de cheathrar a thòisich Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath air a dhreuchd a leigeil dheth.
Tha còrr is 30 bliadhna ann bho bha Tormod MacLeòid, no Curly mar a dh'aithnichear e, am measg na stèidhich a' bhuidheann agus tha e air a bhith a' dol bho neart gu neart bhon uairsin.
A rèir Thormoid, chaidh a chur a dhol airson cur-seachad a thoirt dhan chloinn.
"Cha robh mòran ann dhen fheadhainn òga aig an àm sin idir," thuirt e.
"Taobh spòrs no taobh ruith no rudan mar sin."
Thòisich a' bhuidheann a' fàs agus aig amannan bhiodh mu 100 duine-cloinne a' trèanadh ann gach seachdain - le cuid dhuibh a' dèanamh suas ri còig seiseanan.
Cluba Lùth-chleasachd a' tàladh na h-òigridh. Bhideo, 00:03:00
- Air fhoillseachadh8 Am Faoilleach 2019
Soirbheachas do bhalaich Uibhist a Tuath
- Air fhoillseachadh9 An Gearran 2016
Bha Tony Wesley a' cluiche ball-coise mus do thòisich Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath agus 's e stèidheachadh na buidhne a thug air rudeigin eadar-dhealaichte fheuchainn.
"'S e àrainneachd riatanach a bh' ann, a phut mi a dh'ionnsaigh lùth-chleasachd," thuirt e.
"Cha robh fhios agam air mòran mu dheidhinn mus deach mi dhan chluba. Dh'atharraich sin mo shealladh gu mòr."
Bha na cleachdaidhean-trèanaidh nan cuideachadh mòr dha Tony.
Thuirt e: "Thug e dhomh tòrr a bharrachd fòcais agus tuigse na b' fheàrr air dè dìreach a dh'fheumas tu a dhèanamh.
"Nan ruitheadh tu rèis, gheibheadh tu uair agus dh'fheumadh tu a bhith na bu luaithe nan uair sin an ath thuras."

Tony Wesley
Aon uair 's gun robh a' bhuidheann stèidhichte, thòisich iad a' farpais air feadh na h-Alba.
Cha robh iad soirbheachail an toiseach a rèir Thormoid, ach abair thusa gun do dh'atharraich sin.
"'S dòcha 10 bliadhna às dèidh sin, bha sinn a' faighinn a h-uile duais," thuirt e.
'S iomadh duais a tha buill air buannachadh tro na bliadhnaichean agus tha an trèanadh a fhuaireas ann an Uibhist air a bhith na bhun-stèidh làidir do chuid a chùm orra le lùth-chleasachd air tìr-mòr.
Bho chionn ghoirid, bha Tony agus fear òg eile a chuir bliadhnaichean seachad sa bhuidheann, a' ruith aig farpais nàiseanta.

Tony Wesley agus an còrr dhen sgioba bho Oilthigh Obar Dheathain, a bhuannaich an rèis relay aig Farpaisean Oilthighe Bhreatainn
Tha Tormod a' fàgail Buidheann Lùth-chleasachd Uibhist a Tuath ann an deagh òrdugh.
"Tha e làidir. Tha sinn a' coimhead air cuideigin fad an t-siubhail airson pìosan a dhèanamh ach tha mu chòignear no sianar aig a' chluba an-dràsta."
A rèir Tony, bidh dileab mhaireannach aige.
"Bha e an-còmhnaidh ann agus bha spèis mhòr aig daoine dha," thuirt e.
"Nuair a bhiodh tu a' dol gu seiseanan trèanaidh air oidhcheannan geamhraidh agus bhiodh esan ann, bha thu a' faireachdainn mar phàirt dhen sgioba.
"Bha deagh bhuaidh aige an-còmhnaidh - ormsa agus air a' chluba."