Buidheann Phàrlamaid ùr airson na Gàidhealtachd 's nan Eilean aig Westminster

- Air fhoillseachadh
Chaidh buidheann phàrlamaid ùr airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean a stèidheachadh aig Westminster.
Tha a' bhuidheann APPG (All-Party Parliamentary Group) a' toirt a-steach Buill-phàrlamaid agus Morairean.
Bidh e ag obair gus gnothaichean a tha cudromach don sgìre a thogail agus solas a chur air na dùbhlain a tha mu choinneamh choimhearsnachdan.
Tha iad ag ràdh gum bi ceanglaichean còmhdhail, cumhachd, agus a' Ghàidhlig am measg nam prìomhachasan a bhios aca, agus gum bi iad mar mheadhan gus conaltradh a dhèanamh eadar a leithid ùghdarrasan ionadail, ghnothachasan, agus bhuidhnean coimhearsnachd.
Chùm a' bhuidheann a' chiad choinneamh aca bho chionn ghoirid.
Am measg na bha an làthair bha BP Ghallaibh, Chataibh agus Ros, an Lib Deamach Jamie Stone, Seann Rùnaire Làbarach na h-Alba, A' Bhana-mhorair Helen Liddell, agus Am Morair Dòmhnall Camshron, a bha ròimhe na BhPA Tòraidheach airson na Gàidhealtachd agus nan Eilean.
'S e Ball-pàrlamaid nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, cathraiche na buidhne pàrlamaid ùir.
"Bidh sinn mar ghuth làidir thar-phàrtaidh sa phàrlamaid, a' dèanamh cinnteach gum faigh na cothroman agus na dùbhlain a tha anns na coimhearsnachdan againn an aire air a bheil iad airidh", thuirt e.
"Tha sinn a' dèanamh fiughair ri a bhith ag obair gu dlùth le luchd-ùidh air feadh na Gàidhealtachd gus taic a chur ris na rudan a tha cudromach dhan sgìre."
Tha a' bhuidheann ag ràdh gun cùm iad coinneamhan gu cunbhalach, cho math ri òraidean, deasbadan agus tachartasan eile.