Deireadh linn dha STV agus dha Tormod MacLèoid

- Air fhoillseachadh
'S e deireadh linn a th' ann do chraoladh na h-Alba agus prògram naidheachd STV News at 6 dhan cheann a tuath a' tighinn à stiùidio Obar Dheathain airson an turas mu dheireadh oidhche Haoine.
'S e oidhche mhòr a bhios ann cuideachd dhan chraoladair Scalpach Tormod MacLeòid, fear de na prìomh phreaseantairean aig tuath.
Tha Tormod a' fàgail às dèidh a bhith aig STV, agus Grampian roimhe sin, airson faisg air 40 bliadhna.
Tha connspaid mhòr air a bhith ann mu phrògraman naidheachd STV anns na mìosan mu dheireadh.
San t-Sultain an-uiridh, dh' fhoillsich a' chompanaidh planaichean airson cur às do phrògram fa leth do cheann a tuath na dùthcha is iad ag ràdh gun robh iad ag amas air £2.5m a shàbhaladh.
Chuir Riaghaltas na h-Alba, cho math ri farsaingeachd de luchd-poileataigs agus Aonadh Nàiseanta an Luchd-naidheachd, nan aghaidh.
Ach aig toiseach an Ògmhìos, cho-dhùin riaghladair nam meadhanan Ofcom gum faodadh a' chompanaidh a dhol air adhart leis na planaichean.

Tha STV an-dràsta a' toirt seachad dà sheirbheis naidheachd fa leth - tè do mheadhan na h-Alba agus tè-eile dhan cheann a tuath.
Ach bho Dhiluain, cha bhi aca ach aon phrògram à Glaschu do dh' Alba air fad.
Do Thormod, 's e co-dhùnadh coimearsalta agus call mòr a tha seo.
"Bha e mar fhasan aig daoine a bhith a' cur a' phrògraim air aig 6f," thuirt e.
"A dh'aindeoin 's dè tha a' tachairt san fharsaingeachd ann an saoghal nam meadhanan, tha luchd-amhairc dìleas air a bhith againn agus bha iad a' dùileachadh a' phrògraim seo, gum biodh e ann agus gum maireadh e."
Tha an càirdeas agus an ceangal eadar an luchd-amhairc agus na preasantairean air a bhith follaiseach dha thar nam bliadhnaichean, le strainnsearan a' tighinn thuige air an t-sràid 's iad 's dòcha ag innse barrachd dha na bhiodh e an dùil.
"Tha mi a' smaoineachadh gur e an rud as cudromaiche gun robh earbsa aig an luchd-amhairc annainn agus bha iad a' cur eòlas oirnn," thuirt e.
"Air sgàth 's gun robh sinn bho na coimhearsnachdan aca fhèin agus bha sinn eòlach air na coimhearsnachdan, bha sinn eòlach air na daoine.
"Tha mise taingeil airson sin, gun tug iad an earbsa a bha sin dhuinn."

"Cha bhithinn an seo mur a b' e a' Ghàidhlig"
Thòisich Tormod na neach-aithris air Radio nan Eilean anns na 1980an agus tha e a' faicinn sin mar cheum bhunaiteach air an t-slighe gu far a bheil e an-diugh.
Fhuair e an uairsin dreuchd aig Grampian, a bha a' dèanamh phrògraman Gàidhlig aig an àm.
'S e saoghal gu math farpaiseach a bh' ann agus cha robh càil a dhùil aige an obair fhaighinn.
"Cha bhithinnsa anns an obair seo mur a b' e gun robh a' Ghàidhlig agam," thuirt e.
"'S ann mar sin a fhuair mise cothrom a bhith a' craoladh."

A' coimhead air ais air na bliadhnaichean a tha e air a bhith ag aithris nan naidheachdean air STV agus Grampian, tha e ga fhaicinn mar thogail air dìleab a dh'fhàg an luchd-obrach aig an fhìor thoiseach bho chionn còrr is 60 bliadhna.
"Rinn sinne ar dìcheall an dìleab a bha sin a dh'fhàg iadsan a choileanadh - sin a bhith a' toirt naidheachdan gu luchd-amhairc ionadail.
"Tha mi a' smaoineachadh gun do rinn sinn sin."
'S e beagan mhìosan de dh'fhois a th' air thoiseach air Tormod a-nis agus chì e dè thachras an uairsin.
"Tha mi cinnteach gun tig rudeigin," thuirt e.
"Ach mura tig, faodaidh mi a dhol air ais chun na clèibh ann an Scalpaigh."
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh1 An t-Ògmhios

- Air fhoillseachadh7 Am Faoilleach

- Air fhoillseachadh9 An Dàmhair 2025
