Piseach ga iarraidh air seirbheisean puist eileanach

Post a' cur litreach tro dhoras taigheTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Chaidh iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte agus Ofcom barrachd a dhèanamh 'son piseach a thoirt air seirbheisean puist ann an sgìrean eileanach.

Fhuaireas aithisg bho Luchd-cleachdaidh Alba, a choimhead ri trì sgìrean eileanach - Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar - gun robh an aon seòrsa trioblaidean aig gach sgìre.

Chaidh dragh a thogail le cuid de dhaoine ris an do bhruidhinn a' bhuidheann mu chosgaisean a bharrachd a tha cuid de chompanaidhean a' cur air a bhith a' lìbhrigeadh stuth dha na h-eileanan seach tìr-mòr, sin ma tha iad fiù 's deònach stuth a chur gu eileanan.

Bha gearan ann cuideachd air oifisean puist a bhith a' dùnadh no a' gluasad gu làraichean taobh a-muigh meadhan bhailtean, no a' gearradh air ais air na h-uairean fosglaidh aca.

Chaidh a ràdh nach eil earbsa aig muinntir nan eilean anns an t-seirbheis gum faigh iad stuth a thathas a' cur thuca.

Co-op Steòrnabhaigh
Fo-thiotal an deilbh,

Tha meur Oifis a' Phuist ann an Steòrnabhagh gus a bhith a' gluasad gu bùth mhòr a' Cho-op anns a' bhaile.

Thog cuid air mar a bha iad air call a-mach air coinneamhan aig an ospadal agus air cairtean ùra banca a bhith a' ruighinn seachdainnean fadalach.

Bha dragh air daoine gu bheil na trioblaidean seo a' cumail eaconomaidh nan sgìrean eileanach air ais.

Bhathas ag aithneachadh gur ann air an aimsir a chuirear a' choire uaireannan, ach bha faireachdainnean ann gu bheil an t-seirbheis san fharsainneachd a' dol air ais, le cion luchd-obrach agus dòighean ùra air am post a shortadh, am measg eile.

Dh'iarr an aithisg nach dèidheadh gin de dh'oifisean puist a bharrachd sna h-eileanan a dhùnadh, 's nach dèidheadh na h-uairean fosglaidh aca a ghearradh tuilleadh.

Mhol iad cuideachd gum biodh oifisean puist a' dol timcheall bhailtean air an tuath ann am bhanaichean, cleas mar a bhios cuid de bhancaichean a' dèanamh.

Muir gharbhTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Thog an aithisg air mar a tha eileanaich a' gabhail ris gun toir an aimsir na h-uimhir de bhuaidh air seirbheisean lìbhrigidh, ach gum facas crìonadh san t-seirbheis

Tha targaid aig a' Phost Rìoghail ann an lagh gum feum 90% de phost a' Chiad Chlas a bhith ga lìbhrigeadh air feadh na Rìoghachd an taobh a-staigh aon là obrach, no thèid càin mòr air a' chompanaidh.

Chan eil an targaid sin ann airson nan trì sgìrean eileanach air an do choimhead an rannsachadh aig Luchd-Cleachdaidh Alba ge-tà.

Dh'iarr a' bhuidheann gun coimhead an riaghaltas ris a' chùis a-rithist, 's gum biodh co-dhiù targaid air choireigin ann mu choinneimh post a lìbhrigeadh gu na sgìrean eileanach.

"'S e an dà rud a dh'iarramaid dha-rìribh gnìomh fhaicinn orra, 's e càilleachd an fhiosrachaidh a bheirear do luchd-cleachdaidh ach an tuig iad cuin a thig cosgaisean a bharrachd orra 's carson, 's gum faigh iad am fiosrachadh sin cho tràth 's a ghabhas," thuirt Tracey Riley bho Luchd-Cleachdaidh Alba.

"'S e an rud eile targaidean a thaobh càilleachd na seirbheis. Tha e uabhasach cudromach gum bi bun-ìre aig a h-uile duine ris an urrainn dhuinn coimhead gus am faigh riaghladairean agus buidhnean luchd-cleachdaidh air seirbheis a mheasadh a rèir nan targaidean sin 's a dhol an sàs."

Thuirt Ministear a' Phuist Rìoghail aig Riaghaltas Bhreatainn, Brian MacDhùghaill, nach eil seirbheis a' phuist air a bhith aig an ìre ris am biodh luchd-cleachdaidh an dùil fad ùine mhòir a-niste, agus gur e sin as adhbhar gum bi am Post Rìoghail a' cosg £500m feuch piseach a thoirt oirre, ach nach eil planaichean ann atharrachadh a thoirt air na targaidean.

"'S e prìomhachas a th' air a bhith ann dhuinn am Post Rìoghail a dhèanamh tèarainnte san àm ri teachd, 's mar sin tha sinn air farsainneachd ghealltanasan fhaighinn bhon fheadhainn leis a bheil a' chompanaidh a-niste, nam measg nach fhaod iad airgead a thoirt a-mach às a' ghnothachas gus an tig piseach air seirbheis."

"Cumaidh an Riaghaltas seo orra a' cumail na seirbheis aca cunntachail."

SealtainnTùs an deilbh, Getty Images
Fo-thiotal an deilbh,

Choimhead an rannsachadh ris an t-seirbheis anns na h-Eileanan Siar, Arcaibh agus Sealtainn

Thuirt am Post Rìoghail gu bheil "cuid de na slighean lìbhrigidh nas dùbhlanaiche san Rìoghachd Aonaichte" ann an sgìrean eileanach.

Thuirt iad gu bheil iad an eisimeil air seirbheisean adhair is aiseig a tha uaireannan air an cur dheth gun mhòran de rabhadh air sgàth droch shìde.

Thog iad air na planaichean aca £500m a chosg air an t-seirbheis aca a leasachadh air feadh na dùthcha.

"Nuair a thèid plèana no aiseag a chur dheth, fuirichidh am post anns an lìonra againn agus thèid a ghluasad leis an ath sheirbheis air a bheil cothrom, a' toirt a-steach slighean eile far an gabh sin dèanamh.

"Tha cho fada 's a mhaireas maill a' crochadh air cuin a thig ceanglaichean còmhdhail air ais, 's nuair a ghabhas am post giùlain.

"Faodaidh seirbheisean a bhith air an cur dheth gun mòran rabhaidh, agus faodaidh seo buaidh eadar-dhealaichte a thoirt air diofar shlighean, a tha a' fàgail nach eil e an-còmhnaidh comasach rabhadh a thoirt do luchd-cleachdaidh a h-uile turas.

"Do luchd-cleachdaidh ann an Arcaibh, Sealtainn agus na h-Eileanan Siar, 's e an t-amas seirbheis nas earbsaiche a thoirt seachad, làimhseachadh nas fheàrr a dhèanamh air duilgheadasan, agus a bhith a' tilleadh dhan àbhaist nas sgiobalta nuair a bheir seirbheisean adhair, aiseagan no an aimsir buaidh air an lìonra."