"Dragh mòr" air MG ALBA mu ghearraidhean aig a' BhBC

Somhairle Spins
Fo-thiotal an deilbh,

Tha Somhairle Spins am measg phrògraman ùra sa Ghàidhlig a tha air soirbheachadh is e air duais Eòrpach a bhuannachadh am-bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Thuirt cathraiche MG ALBA gum biodh dragh orra mu ghearraidhean sam bith ann an roinn na Gàidhlig aig a' BhBC.

Bha Iain Moireasdan a' bruidhinn is Comataidh nan Cùisean Albannach aig Westminster air rannsachadh, taobh a-muigh a thòiseachadh air craoladh na Gàidhlig.

Bheir an rannsachadh sin sùil "air an àite aig craoladh na Gàidhlig san ath-bheòthachadh ann an cànan is cultar na Gàidhlig", mu na dùbhlain ionmhais a th' ann, agus "mar as urrainn dhan BhBC taic nas fheàrr a chumail ri craoladh mion-chànan, mar a' Ghàidhlig".

Anns an ro-ràdh, tha a' chomataidh a' togail air rabhadh bho MG ALBA fhèin gu bheil craoladh na Gàidhlig an-dràsta ann an suidheachadh cugallach.

Tha MG ALBA tric air iarraidh gum bi barrachd airgid ann airson craoladh sa Ghàidhlig agus gum bi am maoineachadh sin air a chur air bun-stèidh chinnteach, mar a th' aig craoladh sa Chuimris.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Dimàirt, thuirt Iain Moireasdan gu bheil e follaiseach gu bheil Comataidh nan Cùisean Albannach air teachdaireachd MG ALBA a chluinntinn gu bheil na meadhanan Gàidhlig a' soirbheachadh ach gu bheil dùbhlain ann a thaobh maoineachaidh.

"Tha mi a' smaoineachadh mar a tha a' chomataidh a tha seo air cur a-mach an dòigh anns a bheil iad gu bhith a' sgrùdadh seo, gu bheil iad a' tuigsinn gu bheil sinn ann an suidheachadh doirbh agus gu bheil iad gus a bhith a' lorg freagairtean air a shon," thuirt e.

Tha MG ALBA a' ruith BBC ALBA ann an co-bhann leis a' BhBC.

Dh'innis am BBC an t-seachdain seo chaidh gun tèid sàbhalaidhean luach £500m a dhèanamh thairis air a' bhuidhinn san ath dhà bhliadhna le dùil gum falbh eadar 1,800 is 2,000 dreuchd.

Tha seo a' tighinn aig an dearbh àm 's a tha obair a' dol air Cairt ùr a' BhBC is an tè a th' ann a' tighinn gu ceann ann an 2027.

Bha MG ALBA air a ràdh roimhe gu bheil cothroman an lùib na cairt ùire gus craoladh Gàidhlig a neartachadh.

Thuirt Mgr Moireasdan gu bheil MG ALBA mothachail air an t-suidheachadh aig a' BhBC is gu bheil iad ga leantainn gu dlùth.

"Chan eil e soilleir aig an ìre seo càite am bi na gearraidhean a tha sin ach bhiodh sinne draghail dha-rìribh," thuirt e.

"Tha sinne ann an co-bhanntachd leis a' BhBC, tha sinn ag obrachadh a h-uile là gu dlùth ri roinn na Gàidhlig agus pìosan eile den BhBC.

"Bhiodh gearraidhean sam bith ann an Gàidhlig a' cur dragh mòr oirnn. Mar a tha sinn an-còmhnaidh ag ràdh: gabhaidh beagan a ghearradh an siud is an seo, ach nuair a tha thu aig a' chnàimh, tha e doirbh gearradh a dhèanamh gun milleadh a dhèanamh."

Dh'fhaighnich BBC Naidheachdan dhan BhBC an tèid seirbheisean is prògraman Gàidhlig a dhìon bho ghearraidhean san ath thrì bliadhna.

Ann am brath, thuirt am BBC nach eil atharrachadh air tighinn air na planaichean aca airson fàs a thoirt air craoladh mion-chànan mar a chuir iad an cèill san fhreagairt aca gu Paipear Uaine an riaghaltais air a' chàirt ùr.

Thuirt iad ge-tà, gum bi na planaichean sin a rèir "ìre fhreagarrach de mhaoineachadh".

Thog iad cuideachd air post-d a chaidh a sgaoileadh gu luchd-obrach BBC Scotland an t-seachdain seo chaidh.

Tha am post-d sin ag innse gur e targaid BBC Scotland £10.7m a shàbhaladh ro dheireadh 2027/28.