Thathas a' moladh do chomhairlichean air a' Ghàidhealtachd còrr is £500,000 a chosg air drochaid-coise ann an Inbhir Nis a chàradh, agus £200,000 'son rathad ùr am Port Rìgh.
Tha oifigich ag ràdh gu bheil a h-uile coltas ann gum biodh feum aca Drochaid an Taigh-Eiridinn a dhùnadh mura tèid an obair a dhèanamh.
Chaidh Drochaid an Taigh-Eiridinn a thogail tarsainn air Abhainn Nis san 19mh Linn is i na ceangal cudromach fhathast do luchd-coiseachd.
Tha draghan ann mu staid na drochaid ge-tà, is sgrùdadh ga dhèanamh oirre a h-uile mìos.
Tha rabhadh a' tighinn bho oifigich Comhairle na Gàidhealtachd nach bi an drochaid sàbhailte tuilleadh san ath chòig bliadhna.
Tha iad a' moladh do chomhairlichean air comataidh na h-eaconomaidh agus a' bhun-structair còrr is £500,000 a thoirt seachad 'son obair-càraidh.
Thuirt iad gun cuireadh sin suas ri 25 bliadhna ri beatha na drochaid.
Thuirt iad gu bheil inbhe a th' air an drochaid agus cosgais de chòrr is £4m a' ciallachadh nach urrainn dhaibh drochaid ùr a thogail.
Rachadh an obair a dhèanamh an ath-bhliadhna.
250 Taigh Ùr
Thèid iarraidh air a' chomataidh cuideachd £200,000 a thoirt seachad 'son rathaid ùir ann am Port Rìgh.
Dhèanadh an rathad ceangal eadar Rathad Dhùn Bheagain is Rathad Stafainn.
Tha oifigich ag ràdh gun deach tòrr den rathad a thogail mar thà mar phàirt de leasachaidhean taigheadais, is nach eil a dhìth ach an ceangal mu dhèireadh le Rathad Stafainn.
Thuirt iad gun cosgadh an rathad £1.6m, ach gun tigeadh mu £1.4m bho luchd-leasachaidh.
Dh'fhosgladh an rathad cothrom air 250 taigh ùr eile a thogail.