Cead do 250 taigh ùr am Port Rìgh

  • Air fhoillseachadh
LeasachadhTùs an deilbh, Comhairle na Gàidhealtachd

Thug Comhairle na Gàidhealtachd cead seachad airson 250 taigh ùr ann am Port Rìgh.

'S e Buidheann Taigheadais Loch Aillse agus an Eilein Sgitheanaich a bheir an leasachadh, air a bheileas a' gabhail seann ainm Phort Rìgh, Cille Tharglain, air adhart air iomall a' bhaile.

Bidh an leasachadh air talamh a tha an-dràsta bàn eadar ear-thuath Phort Rìgh agus Achadh a' Choirce.

A thuilleadh air na taighean is a' mhòr-chuid gu bhith air màl tron bhuidheann taigheadais, bidh cuideachd ionadan gnìomhachais, bùth choimearsnachd agus goireasan cùraim an cois an leasachaidh.

Thèid na taighean a thogail thairis air an ath 20 bliadhna.

Chan eil e soilleir cuin a thèid tòiseachadh air an obair.

Bidh sin an urra ri crìoch a chur air an rathad a nì ceangal eadar Rathad Stafainn agus Rathad Dhùn Bheagain.

Deasbad

Aig an dearbh àm, thuirt fear de chomhairlichean an Eilein Sgitheanaich gum bu chòir cothrom a bhith aig daoine aig a bheil taigh air màl bho bhuidheann taigheadas an taigh sin a cheannach, mar a thathas a' moladh ann an Sasainn.

Thuirt an comhairliche ùr Tòraidheach, Ruairidh Stiùbhart, nach bhiodh seo a' ciallachadh nach biodh na h-uimhir de thaighean sòisealta ann do dhaoine eile.

"Tha sin a rèir is mar a thèid gnothaichean a làimhseachadh," thuirt an Comh. Stiùbhart.

"Mura h-eil taighean ùra air an togail fhad 's a tha thu a' reic thaighean, tha fios gum bi gainnead ann. Ma tha taighean ùra air an togail gu cunbhalach ge-tà, chan eil trioblaid ann.

"Tha dòigh a-mach à staing an taigheadais le taighean ùra a thogail. Tha tòrr dhaoine airson taigh a cheannach, a bhith freumhaichte sa choimhearsnachd, is 's e dòigh a tha seo air sin a dhèanamh aig prìs reusanta.

"Bu chòir dhuinn coimhead air a' chòir a th' aig daoine ann an Sasainn taighean sòisealta a cheannach a thoirt a-steach an seo," thuirt e.

Tha dùil aig BBC Naidheachdan beachd fhaighinn bho Riaghaltas na h-Alba Diciadain mun mholadh aig Mgr Stiùbhart.

Chuir an Riaghaltas às roimhe dhan chòir aig daoine taighean sòisealta a cheannach.

Thuirt a' bhuidheann-strì Misneachd, a tha ag iomairt mu staing an taigheadais, gur e droch bheachd a th' ann.

Thuirt Màrtainn Mac a' Bhàillidh bhon bhuidhinn gun do rinn a' chòir air taighean sòisealta a cheannach "sgrios" air an stoc a bh' ann.