Strì às ùr airson ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich air Tubaist Mhaol Cinn Tìre

Sprùilleach an Chinook air Maol Cinn TìreTùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Tha mac fhir a bhàsaich ann an tubaist heileacoptair Chinook air Maol Cinn Tìre an 1994 ag ràdh nach fhaodar leigeil le argamaid an riaghaltais gu bheil e a-niste ro fhadalach airson ath-sgrùdaidh neo-eisimeilich buannachadh.

Thèid innse aig èisteachd san Àrd-Chùirt an Lunnainn a-màireach co-dhiù faod teaghlaichean an fheadhainn a bhàsaich a dhol air adhart le ath-sgrùdaidh laghail.

Chaidh 25 duine de dh'eòlaichean brathaidh agus ceathrar chriutha a bha sna feachdan sònraichte a mharbhadh nuair a thàinig an heileacoptair a-nuas ann an ceò air Maol Cinn Tìre air an 2na là den Ògmhios 1994.

Bha an t-itealan gan giùlain à RAF Aldergrove ann an Èirinn a Tuath gu ruige Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis.

Tha teaghlaichean na bhàsaich ag iarraidh gun tèid ath-sgrùdadh poblach, fo stiùir britheimh, a chumail air na thachair, agus gun tèid a h-uile faidhle a th' ann mun tubaist - cuid aca a tha air an seuladh airson 100 blidhna - fhoillseachadh.

Chaidh mearachd a rinn am pìleat a choireachadh an toiseach airson na thachair, ach chaidh cur às dhan cho-dhùnadh sin ann an 2011.

"Airson deugachadh bhliadhnaichean bha earbsa aig mòran de na teaghlaichean againn ann an rannsachaidhean agus mìneachaidhean oifigeil oir cha robh adhbhar aca creidsinn gun deach fiosrachadh riatanach sam bith a chleith," thuirt Niven Phoenix, a chaill athair san tubaist.

"An uair sin dh'ionnsaich iad nach robh an heileacoptair Mark 2 sàbhailte a bhith a' sgèith, agus gun deach pàipearan a sheuladh airson 100 bliadhna.

"Le mar a tha barrachd fianais air tighinn am bàrr, thathas air fàs nas amharasaiche.

Dh'fheuch sinn grunn tursan conaltradh adhartach a chumail le ministearan. Chuir sinn fianais mhionaideach air adhart. Dh'iarr sinn còmhradh. Dh'iarr sinn ath-sgrùdadh neo-eisimeileach. A-niste 's e freagairt an riaghaltais gu bheil e gu sìmplidh ro fhadalach.

"Chan fhaodar leigeil leis an argamaid sin buannachadh."

Thuirt Mgr Phoenix nach ann dìreach mun itealan a tha a' chùis, ach co-dhiù faod teaghlach sam bith ceartas fhaighinn ma cheadaichear do bhuidhinn phoblaich "maill adhbharachadh agus fiosrachadh cudromach a chumail air ais".

"Gu h-iarranta, tha seo a' gearradh gu cridhe Lagh Hillsborough a tha an riaghaltas ag ràdh a tha iad fo ghealltanas a chur troimhe. Tha an suidheachadh sa bheil sinn do-chreidsinneach," thuirt e.

Bheir Lagh Hillsborough - a chaidh a ghiùlain air adhart on t-seann sheisean phàrlamaideach - air oifigich phoblach an fhìrinn innse do rannsachaidhean agus sgrùdaidhean.

Thuirt fear-lagha nan teaghlaichean, Howard Kennedy, gu bheil ceistean bunaiteach rim freagairt.

"Aig cridhe na cùise seo tha a' cheist a tha fhathast ag obair air na teaghlaichean: cò cheadaich an turas, dè fiosrachadh a bh' aca, agus carson a thugadh cead do Chinook ZD576 falbh idir?

"Is coltach gur e seasamh an riaghaltais, leis gu bheil deugachadh bhliadhnaichean air a dhol seachad, tron robh an MoD air cothrom a dhiùltadh do theaghlaichean air pàipearan agus fiosrachadh, gum bu chòir do na cùirtean diùltadh coimhead feuch co-dhiù cheadaich an Stàit do dh'itealan aig an robh trioblaidean sgèith.

"'S e an t-argamaid aca, a rèir choltais, ma chumas an Stàit an fhianais fada gu leòr, nach bi còir tuilleadh aig na teaghlaichean ceistean a chur.

"Chan e ceartas a tha sin. 'S e a th' ann ach dìomhaireachd air a duaiseachadh le dol seachad na tìde. Cha chuirear dìon gu moralta air an t-seasamh sin, agus ann an deamocrasaidh a th' air a riaghladh le laghan, chan fhaodar fhulang."

Dhiùlt an MoD beachd a thoirt seachad aig an àm seo leis gu bheil a' chùis a' leantainn.