Naidheachdan 11:00m

Teintean

Tha oifigich anns an Spàinn ag ràdh gun deach aona duine deug, air a' char as lugha, a mharbhadh ann an teineachan a-muigh air an dùthaich, ann an sgìre Almeria an ceann a deas na dùthcha. Bhuinneadh ceathrar dhiubh sin do Bhreatainn. Tha naoi duine deug fhathast a dhìth.

Na Làbaraich

Thug Andy Burnham taing dha na 322 BP Làbarach gu ruige seo a chuir taic ris mar cheannard air a' phartaidh agus mar phrìomhaire. Chan eil e ach aonan gann den àireamh bhall-pàrlamaid aig am biodh e do-dhèanta do dhuine eile seasamh na aghaidh, 's tha làn dùil gun gluais e gu Sràid Downing seachdain Diluain sa tighinn.

STV

Tha seirbheis-naidheachd fa leth STV do cheann a tuath na h-Alba a' tighinn gu ceann a-nochd nuair a thèid am prògram News at Six a chraoladh o stiùidio Obar Dheathain airson an turas mu dheireadh. Bho Dhiluain cha bhi aig STV ach prògram naidheachd à Glaschu do dh'Alba air fad. Thug an riaghladair Ofcom cead dhan phlana, a bha connspaideach, ged a bha mòran na aghaidh - Riaghaltas na h-Alba nam measg. Tha STV ag ràdh gum fàg an t-atharrachadh na naidheachdan air bun-stèidh nas fheàrr ann an seagh coimeirsealta.

Easyjet

Tha a h-uile coltas ann gu bheil companaidh ionmhais Ameireaganach a' gabhail sealbh air Easyjet, a dh'innis gun do ghabh iad ri tagradh ann am prionnsabal. Tha Apollo a' tabhann £5.6bn air Easyjet. Tha am pròiseas tagraidh a' tighinn gu ceann air an ath-mhìos.

Tubaist

Tha rathad an M74 ann an ceann a deas Shiorrachd Lannraig fhathast dùinte an dèidh droch thubaist na bu tràithe air a' mhadainn eadar ceann rathad 13 aig Abbington agus 12 aig Millbank. Tha rannsachadh poilis a' dol air adhart. 'S e a' chomhairle do dhraibhearan slighe eile a ghabhail agus barrachd ùine fhàgail. Tha rathad fosgailte timcheall air sin - am B7078 - ach tha an trafaig fìor shlaodach.