BBC Home
Explore the BBC
Tha na duilleagan seo a-nise air an tasgadh agus cha t\u00e8id an \u00f9rachadh tuilleadh. Leugh mu phoileasaidh tasglainn a\u2019 BhBC.

ALBA NAIDHEACHDAN

---------------
---------------
---------------
BBC Vocab
OFF / DHETH
»Turn ON
Cuir AIR
»What is VOCAB? Dè th'ann a VOCAB?
Tuilleadh
bhon BhBC
---------------
Cànain
Ùraichte air: 13 An t-Iuchar, 2011 - Air fhoillseachadh aig 15:20 BST
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh
Dithis phìleat gan saoradh o choire
Spriùilleach an Chinook
Bhàsaich 29 duine san tubaist ann an 1994
Dh'iarr Rùnaire an Dìon, Liam Fox, leisgeul air teaghlaichean an dithis phìleat a chaidh a mharbhadh ann an tubaist heileacoptair an Chinook air Maol Cinn Tìre ann an 1994.

Bhathas a' coireachadh an dithis phìleat roimhe, airson na tubaiste, anns an do bhàsaich 25 de dh'àrd-eòlaichean tèarainnteachd na Rìoghachd Aonaichte, agus ceathrar den chriutha bho na Feachdan Sònraichte.

Bha an heileacoptair a' siubhal o Èirinn a Tuath gu ruige co-labhairt aig Gearasdan Deòrsa, faisg air Inbhir Nis.

B'e an tubaist as miosa a bh' aig Feachd Rìoghail an Adhair ann an àm na sìthe.

Tha sgrùdadh ùr a chaidh a dhèanamh, a-nis air a ràdh nach b'iad na pìleatan - Flt Lt Jonathan Tapper, à Norfolk, agus Flt Lt Richard Cook, à Hampshire - a dh'adhbharaich an tubaist.

Cho-dhùin an seann bhritheamh, am Morair Philip, a rinn an sgrùdadh ùr gu prìobhaideach còmhla ri triùir neach-poileataigs Albannach, nach robh fianais gu leòr ann a dh'innseadh dè dìreach a dh'adhbharaich an tubaist.

Dh'iarr e gun deadh cur às dhan dìteadh a fhuair an dithis phìleat, agus gum beachdaicheadh an MOD a-rithist air gnothaichean còmhdhail do dh'eòlaichean a tha riatanach do thèarainnteachd na dùthcha.

Thuirt e cuideachd gun robh trioblaidean teignigeach air a bhith ann leis an t-seòrsa Chinook a bha an sàs san tubaist, agus gun robh an RAF fhèin air cùisean-lagha a thogail airson airgid-dìolaidh, as dèidh thrioblaidean.

Ceanglaichean eile
Chan eil uallach air a' BhBC airson na th' air làraichean-lìn eile
AN TUILLEADH
Post-d gu caraidDreach clò-bhualaidh

About the BBC | Help | Terms of Use | Privacy & Cookies Policy