Thàinig Chinook a-nuas 's e air "turas taisbeanaidh" a rèir seann phìleit RAF

Sprùilleach an heileacoptair air Maol Chinn Tìre
Tùs an deilbh, PA Media
  • Air fhoillseachadh

Bha heileacoptair Chinook a thàinig a-nuas air Maol Chinn Tìre o chionn 30 bliadhna ga sgèith mar "thuras taisbeanaidh" an dèidh mar a chaidh dragh a thogail mu cho sàbhailte 's a bha i, a rèir seann phìleit dheuchainn leis an RAF.

Chaidh ceathrar chriutha agus 25 duine a bha a' siubhal san heileacoptair a mharbhadh nuair a thàinig RAF Chinook ZD576 a-nuas air cliathaich na beinne agus ceò ann an 1994.

Thuirt Raibeart Burke, a bha roimhe na cheannard sguadrain leis an RAF, gun deach dreach Mark 2 den Chinook a thaghadh airson sealltainn dhan Arm gun robh an fheadhainn ùra a chaidh a cheannach an àite an t-seann Mark 1 sàbhailte.

Thuirt Ministearachd an Dìon gun robh an co-fhaireachdainn aca le càirdean an fheadhainn a bhàsaich ach gun deach na thachair a rannsachadh gu h-iomlan mar thà.

Tha a' chasaid a' tighinn air thoiseach air ath-chraoladh prògraim aithrisich air a' BhBC air an deireadh-sheachdain seo anns an deach dragh a nochdadh an toiseach mu cho sàbhailte 's a bha an Chinook Mark 2.