Prògram ùr air tubaist Chinook am Maol Chinn Tìre

- Air fhoillseachadh
Tha prògram ùr bhon BhBC a'coimhead air tubaist helicopter Chinook a thàinig a-nuas ann an Cinn Tìre agus iad air an slighe gu Gearastan Dheòrsa faisg air Inbhir Nis.
Bhuail an Chinook Zulu Delta 576 ann an cliathaich beinne ann am Maol Chinn Tìre anns an Òg-mhìos 1994 agus chaochail a h-uile duine a bh'air bòrd.
Dh' fhalbh a helicopter o RAF Aldergrove faisg air Beul Feirste mu 1740 air an 2mh den Òg-mhios 1994.
Bha an Chinook air a bhith an-sàs ann an iomairt na bu thràithe air an latha. Bhiodh helicopter air a chleachadh airson siubhal tric aig an àm air sgàth an cunnart a bh' ann do shaighdearan Breatannnach bhon Phrovisional IRA.
Goirid an dèidh dhaibh Èirinn a Tuath fhàgail, bhuail an helicopter le 25 de luchd-obrach nan seirbheisean tèarainteachd air bòrd bhon RUC, M15 agus an t-Arm, a thuilleadh air criutha de cheathrar ann am beinn agus ceò thiugh ann.
Tha am prògram a' coimhead air ais air na thachair le agallamhan le càirdean an fheadhainn a bhàsaich a thuilleadh air feadhainn a bha ag obair còmhla riutha.
Bithear cuideachd a' togail air an iomairt mhionaideach aig teaghlaichean nam pìleatan agus iad ag iarraidh ceartas dhaibh.
Thuirt dithis Mharasgalan Aidhir aig àrd ìre gun deach an tubaist adhbhrachadh an dèidh fìor mhì-chùram o na pìleatan a bh' anns na feachdan sònraichte.
Thèid a' chiad earann den phrògram ùr a chraoladh air BBC Northern Ireland oidhche Luain aig 10:40 agus air BBC Scotland oidhche Mhàirt aig 22:00.