Fear an grèim an co-cheangal ri ionnsaigh fheiseil aig TMF

- Air fhoillseachadh
Dh'innis Poileas Alba gun do chuir iad fireannach aois 24 an grèim co-cheangailte ri ionnsaigh fheiseil aig fèis chiùil TMF ann an Tiriodh.
Chaidh a chur an grèim feasgar Dihaoine, agus chaidh a shaoradh gus an dèanar tuilleadh rannsachaidh.
Thuirt luchd-ruith na fèise gun robh iad a' toirt taic do rannsachadh nam poileas.
"Tha na smuaintean againn leothasan air an tug a' chùis seo buaidh, agus 's e am prìomhachas againn sàbhailteachd agus maith a h-uile duine aig an fhèis," thuirt iad.
Chaidh fèis TMF a chumail ann an Tiriodh air an deireadh-sheachdain, le còrr air 2,000 duine air dèanamh air an eilean air a son.