HebCelt ga chur a dhol ann an Leòdhas

- Air fhoillseachadh
Tòisichidh Fèis Cheilteach Innse Gall 2026 ann an Steòrnabhagh an-diugh fhathast agus dùil ris na mìltean anns a' bhaile thairis air na làithean a tha romhainn.
Seo an 29mh bliadhna den fhèis, a chuir £4.4m ri eaconomaidh nan eilean an-uiridh.
Am-bliadhna, nochdaidh còmhlain leithid Mànran, na Peatbog Faeries, Valtos, na Mary Wallopers agus na Saw Doctors anns na teantaichean.
Ach mus fhosgail làrach na fèise anns a' Ghearradh Chruaidh Diardaoin an 16mh den Iuchar, thèid cùisean a chur a dhol san Lanntair ann an Steòrnabhagh oidhche Chiadain le cuirm 'Atlantic Blast'.

Bidh na Saw Doctors air an àrd-ùrlar Disathairne
Bidh gu leòr eile a' dol cuideachd air an iomall, le tachartasan gan cumail am Breascleit agus san Taobh Tuath sna Hearadh, a thuilleadh air feadhainn eile san Lanntair.
Ann an talla a' bhaile, thèid consairt teaghlaich an-asgaidh a chumail gach madainn bho Dhiciadain gu Dihaoine.
Madainn Disathairne, bidh consairt nas socaire san Lanntair do dhaoine le feumalachdan a bharrachd.
Tha an tachartas seo an-asgaidh cuideachd ach feumar ticeadan, taobh a-muigh a chur air dòigh air a shon.
Air an làraich fhèin, bidh bùithdean-obrach siorcais gan cumail agus bidh Comann nam Pàrant an làthair airson seinn is eile a dhèanamh còmhla ri cloinn òig.
Cuairt Bhatan an Rìgh
Tadhlaidh batan an Rìgh air fèis na bliadhna Diardaoin.
Sin agus e gu bhith a' nochdadh aig còrr is 50 tachartas air feadh na h-Alba air thoiseach air Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann an Glaschu, nas fhaide dhen mhìos.
Bidh e air a ghiùlain le Stephen Libby a bhuannaich sreath 'The Traitors' agus an snàmhadair, Kara Hanlon, a bha mar phàirt de sgioba na h-Alba aig Geamaichean a' Chlo-fhlaitheis ann am Birmingham ann an 2022.

Bhuannaich Stephen Libby 'The Traitors' aig toiseach 2026

Nochd Kara aig Geamaichean a' Cho-fhlaitheis ann am Birmingham ann an 2022
Buaidh agus toileachas
A rèir iar-chathraiche na fèise, Eilidh Linc, tha deagh mheasgachadh de chòmlain gu bhith rim faicinn am-bliadhna.
Thuirt i: "Tha sinn a' coimhead air 30 bliadhna de HebCelt an ath-bhliadhna.
"Mar sin tha e math a bhith a' faicinn gu bheil feadhainn de na favourites fhathast a' tighinn thugainn - mar na Peatbog Faeries, Mànran, na Tumbling Souls.
"Ach tha feadhainn ùra a' tighinn cuideachd."
Tha sgioba na fèise gu mòr airson 's gun còrd i ri daoine, thuirt Eilidh.
"Tha HebCelt air a chur air dòigh san fharsaingeachd le daoine a tha ga dhèanamh gu saor-thoileach.
"Tha sinn ga dhèanamh air sgàth 's gu bheil e a' còrdadh rinne.
"Ach tha e a' còrdadh rinn air sgàth an toileachais agus a' bhuaidh a tha e a' toirt air a' bhaile agus air a' choimhearsnachd againn fhèin."
Chaidh innse na bu tràithe dhen mhìos gum bi an Glen Sannox ann an seirbheis eadar Ullapul agus Steòrnabhagh tro sheachdain na fèise, a thuilleadh air an Loch Seaforth.
Tha seo a' ciallachadh gum bi 10,000 àite a bharrachd ann do luchd-siubhail air chois - àrdachadh de chòrr is 60% air an àbhaist.
Thig an fhèis gu ceann Disathairne an 18mh den Iuchar.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh7 An t-Iuchar

- Air fhoillseachadh17 An t-Iuchar 2025

- Air fhoillseachadh12 An t-Iuchar 2023
