An Glen Sannox air slighe Steòrnabhaigh airson HebCelt

Tent aig fèis-chiùil le làn dhaoine air a taobh a-muigh.
Fo-thiotal an deilbh,

Tha HebCelt a' tàladh na mìltean dhaoine gach bliadhna

  • Air fhoillseachadh

Bidh an Glen Sannox ann an seirbheis eadar Ulapul agus Steòrnabhagh an ath sheachdain, a thuilleadh air an Loch Seaforth.

Sin agus Fèis Cheilteach Innse Gall gu bhith ann aig deireadh na seachdain.

Tha seo a' ciallachadh gum bi 10,000 àite a bharrachd ann do luchd-siubhail air chois - àrdachadh de chòrr is 60% air an àbhaist.

Seòlaidh an Glen Sannox à Steòrnabhagh aig 10:00m Diluain an 13mh den Iuchar agus tillidh i à Ulapul aig 2f.

Leanaidh i an clàr-ama sin gach là gu Disathairne an 18mh den Iuchar.

Thuirt Ceannard Margaidheachd ChalMac, Peadar Griffiths, gu bheil a' chompanaidh gu math toilichte seo a chur air dòigh airson na seachdain as trainge den bhliadhna air slighe Steòrnabhaigh.

"Leis an Glen Sannox agus an Loch Seaforth ann an seirbheis, cuidichidh e luchd-tadhail a tha a' siubhal a Leòdhas," thuirt e.

"Ach tha e cuideachd a' ciallachadh gun urrainn do mhuinntir an àite, gnothachasan agus luchd-ceannach coimearsalta siubhal le misneachd."

Bha CalMac air innse air a' mhìos seo chaidh gum biodh an Glen Sannox a' frithealadh air prìomh sheirbheisean nan Eilean Siar tron t-samhradh nam biodh feum oirre.

An Glen Sannox a' seòladh.
Tha Saw Doctors air an àrd-ùrlar.Tùs an deilbh, HEBCELT
Fo-thiotal an deilbh,

Nochdaidh The Saw Doctors anns an teant oidhche Shathairne

Am measg na bhios air an àrd-ùrlar aig fèis na bliadhna, tha The Saw Doctors, The Mary Wallopers, Peatbog Faeries agus Valtos.

Thuirt Stiùiriche Luchd-ciùil HebCelt, Michelle Shields: "Tha sinn air ar dòigh glan agus cho taingeil gu bheil sgioba ChalMac a' dèanamh nas urrainn dhaibh gus an urrainn do dhaoine a bhith an làthair aig a' phartaidh."

"Le The Mary Wallopers gu bhith againn Dihaoine agus The Saw Doctors Disathairne, tha sinn a' sùileachadh gun tig tòrr dhaoine à Èirinn am-bliadhna."

"Sin a thuilleadh orrasan a thig bho air feadh na h-Alba agus gu dearbh, bho air feadh an t-saoghail."

"Tha e a' toirt togail misneachd dhan fhèis agus dhan bhaile gum bi an Glen Sannox a' seòladh còmhla ris an Loch Seaforth."

"Bidh e tòrr nas fhasa a bhith a' falbh 's a' tighinn."

Tòisichidh Fèis Cheilteach Innse Gall Diciadain an 15mh den Iuchar agus thig i gu crìch Disathairne 18mh.

Tuilleadh air an sgeulachd seo