Port pìoba do Chnoc Soilleir

- Air fhoillseachadh
Tha Cnoc Soilleir air farpais a chur air chois airson port pìoba ùr a sgrìobhadh gus fosgladh oifigeil nan goireasan ùra aca a chomharrachadh.
Chaidh crìoch a chur air air an ionad airson ceòl, dannsa agus cultar na Gàidhlig ann an Uibhist a Deas air a' mhìos a chaidh.
'S e port Ceòl Beag a thathas a' sireadh agus thèid am fear a bhuannaicheas an fharpais a chluich aig cuirm fhosglaidh an togalaich.
Thèid an làmh-sgrìobhainn an uairsin a thaisbeanadh ann an Cnoc Soilleir às dèidh làimhe.
Bidh cuideachd duais luach £500 an lùib na farpais agus sin air a thighinn bhon chompanaidh thogail Bràithrean MhicAonghais Earranta.

Chaidh crìoch a chur air Cnoc Soilleir air a' mhìos a chaidh
Thuirt cathraiche Cnoc Soilleir, Ailig O'Henley: "Le crìoch ga chur air an obair togail aig Cnoc Soilleir, tha e freagarrach gum biodh sinn a' sireadh port pìoba airson an ceann-ùidhe sònraichte seo a chomharrachadh.
"Bha cliù riamh aig Uibhist a Deas airson sàr-phìobairean agus 's e cothrom a tha seo pìos ciùil a sgrìobhadh a ghlacas spionnadh is eachdraidh coimhearsnachd a tha freumhaichte ann an cultar is cànan nan Gàidheal.
"Tha sinn an dòchas gun tarraing pìobairean gu mòr air dualchas bheartach phìobaireachd Uibhist a Deas."
Tha 26 bliadhna ann bho thòisich an iomairt airson ionad dualchais a stèidheachadh ann an Uibhist a Deas.
A-nis, tha talla-cluiche le rùm gu leòr do 200 luchd-èisteachd, stiùidio dannsa, seòmraichean deasachaidh agus siostam lèir-chlaistinneach san togalach ùr.
Chaidh a chur gu feum air a' mhìos seo agus Sgoil Shamhraidh Cheòlais ga cumail.
'S e meadhan oidhche Disathairne an 2na den Lùnastal an ceann-là airson pìosan-ciùil a chur air adhart airson na farpais.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh29 An Lùnastal 2024

- Air fhoillseachadh31 Am Faoilleach 2025

- Air fhoillseachadh9 An t-Iuchar 2025
