Bàs eile às dèidh tubaist air an A82

A82Tùs an deilbh, Google
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Poileas Alba gu bheil an dara neach air bàsachadh às dèidh tubaist rathaid faisg air Drochaid an Aonachain na bu tràithe air a' mhìos.

Thachair an tubaist air an A82 goirid an dèidh meadhan-là Diluain an 6mh den Iuchar aig Gleann Glaoidh.

Bha ceithir charbadan an lùib na tubaist - làraidh, Hyundai i10, Ranger Rover Sport agus Skoda Karoq.

Chaidh na seirbheisean-èiginn a ghairm agus bhàsaich draibhear an Ranger Rover, fireannach aois 62, aig an làraich.

Chaidh am boireannach, 62, a bha a' siubhal còmhla ris a sgèith gu Ospadal Ninewells ann an Dùn Dè agus tha ise a-nis air bàsachadh.

Cha robh duine sam bith a bh' anns na carbadan eile feumach air cùram ospadail.

Thuirt na poilis gu bheil iad uair eile ag iarraidh air duine sam bith a bha a' draibheadh san sgìre aig àm na tubaist fios a chur thuca.

Dh'iarr iad cuideachd air duine sam bith aig a bheil clàraidhean dashcam, sùil a thoirt orra gun fhios nach eil càil ann a bhios feumail dhan cuid rannsachaidh.

Tuilleadh mun sgeulachd seo