Naidheachdan 11:00m
Reform
Dh'aontaich ceannard Reform UK, Nigel Farage, coinneachadh ris a' bhuidhinn neo-eisimeilich 'son tèarainteachd dhaoine ann am beatha phoblaich, an dèidh do phoilis ceannairc a dhol os cionn an rannsachaidh mu bhàs Ann Widdecombe. Bha Ms Widdecombe na neach-labhairt air in-imreachd do Reform UK. Dh'innis Rùnaire na Dùthcha, Shabana Mahmood, do Thaigh nan Cumantan an-dè gun cuireadh i a' choinneamh air dòigh an dèidh do Reform dragh a thogail mu thèarainteachd.
Iran
Thug na Stàitean Aonaichte tuilleadh ionnsaighean air Iran an-raoir, beagan uairean de thìde an dèidh dhan Cheann-Suidhe Trump innse gum bi iad a' cur casg uair eile air puirt mara Iranianach. Thuirt feachd nan Irainianach, an IRG, gun tug iad ionnsaighean air tancairean ann an Caolas Hormuz agus air targaidean ann am Bahrain. Dh'èirich prìs na h-ola dhan ìre as motha ann am mìos an dèidh nan ionnsaighean sin. Tha Brent Crude aig mu $86 gach baraile, suas còrr 's 10% ann an 24 uairean.
Ola
Sgrìobh buidhnean gnìomhachais agus na h-aonaidhean dhan a h-uile ball-pàrlamaid Làbarach ann an Westminster, 403 uile gu lèir, ag iarraidh orra tuilleadh taic a chur ri leasachadh ola agus gas anns a' Chuan a Tuath. Ach tha an Roinn airson Tèarainteachd Chumhachd ag ràdh nach dèan rannsachadh airson tuilleadh raointean gas agus ola feum sam bith a thaobh tèarainteachd chumhachd na dùthcha neo ìsleachadh chosgaisean dealain agus gas.
Càraichean
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte gur ann sa Ghiblean ann an 2028 a thòisicheas cìs air carbadan dealain stèidhichte air gach mìle a bhios iad a' siubhal. Bidh cìs 3sg gach mìle air càraichean dealain agus 1.5sg air càraichean haidhbrid. Tha e a' cosg mu 6sg gach mìle an-dràsta do chàraichean peatrail agus diesel.
Am Post Rìoghail
Dh'innis Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte nach fhaod ceannardan a' Phuist Rìoghail airgead a thoirt a-mach às a' bhuidhinn gus am bi an t-seirbheis gu math nas fhèarr. Tha aithisg ùr an-diugh bho Consumer Scotland, buidheann luchd-cleachdaidh, ag ràdh gu bheil na h-eileanan gu h-àraid a' fulang gu dona le droch sheirbheis. Thuirt am Post Rìoghail gu bheil iad a' cosg £500m air seirbheisean a leasachadh air feadh na dùthcha.