HebCelt a' tòiseachadh an Steòrnabhagh

The Proclaimers
Fo-thiotal an deilbh,

Tha na Proclaimers am measg na tha a' nochdadh aig fèis na bliadhna seo

  • Air fhoillseachadh

Tha an fhèis chiùil as motha sna h-Eileanan Siar a' tòiseachadh ann an Steòrnabhagh Diciadain.

Chomharraich Fèis Cheilteach Innse Gall 25 bliadhna an-uiridh.

Bidh mu 20,000 duine a' tadhal air an fhèis thairis air còig làithean.

Thèid taisbeanaidhean a chumail eadar a' Ghearraidh Chruaidh agus ionad-ealain An Lanntair, le iomall na fèise sgapte eadar diofar àiteachan.

Am measg na tha a' nochdadh am-bliadhna, tha na Proclaimers, Niteworks agus Siobhan Miller, a thuilleadh air Peat and Diesel, Fara agus Talisk.

Niteworks
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an còmhlan Sgitheanach Niteworks a' nochdadh am-bliadhna