Ulaidhean arc-eòlais Bharraigh rim fiosrachadh air app ùr

Ìomhaigh 3D de Dhùn Bharpa ann am BarraighTùs an deilbh, Sandshoes Studio agus PEEL X
Fo-thiotal an deilbh,

Faodar coimhead am broinn Dùn Bharpa mar a bha e air an app

  • Air fhoillseachadh

Thèid aig luchd-tadhail air dà làraich eachdraidheil am Barraigh fhaicinn tro shùilean eile ri linn pròiseict ùir a th' air app fòna a chruthachadh.

'S iad Ulaidhean Innse Gall a th' air cùlaibh a' phròiseict, agus iad a' togail air soirbheachas Ulaidhean Uibhist, a thug arc-eòlais Uibhist beò tro fhìorachd leasaichte.

Tha an sgioba, a tha stèidhichte aig UHI a Tuath an Iar agus Innse Gall, air appaichean an-asgaidh a-niste a leasachadh a sheallas coltas Dùn Bharpa agus Cille Bharra ann am Barraigh mar a bhiodh iad o shean.

Tha na h-ìomhaighean 3D a chithear air an app, taobh a-muigh - a ghabhas luchdachadh a-nuas air fòn-làimh - stèidhichte air mapa didseatach de na làraichean.

Aig Dùn Bharpa, thèid aig luchd-cleachdaidh an app air ealadh a-steach am broinn uaigh sheòmrach 5,000 bliadhna a dh'aois o Nuadh-linn na Cloiche.

Thig rùn-sgrìobhadh a chaidh a shnaigheadh ann an clachan nam ballachan aig Cille Bharra beò, fhad 's a dh'ionnsaichear mu chreideamh agus fèin-aithne tràth ann an eachdraidh Bharraigh.

Gailearaidh dhealbhanLeum seachad air gailearaidh dhealbhanDuilleag1 de 4, Dùn Bharpa air fhaicinn tron app, Dùn Bharpa air fhaicinn tron app

Tha a' Ghàidhlig gu mòr an lùib a' phròiseict cuideachd, agus an sgioba air obrachadh gu dlùth le Ceòlas Uibhist airson dèanamh cinnteach gu bheil a h-uile càil an lùib an app ri fhaighinn sa chànan a thuilleadh air a' Bheurla.

Gheibhear air èisteachd ri sgeulachdan traidiseanta ceangailte ris na làraichean cuideachd.

Tha an Dr Rebecca Rennell, a tha na Manaidsear Pròiseict aig Ulaidhean Bharraigh is na Hearadh, ag ràdh gun aithnich feadhainn a th' air an app a chleachdadh an Uibhist gu leòr dheth.

"Tha sinn dìreach air bhioran a bhith a' cur làraichean ann am Barraigh ri slighe Ulaidhean Innse Gall.

"Tha na tha siud de làraichean iongantach arc-eòlais agus cruthan-tìre ann am Barraigh, agus chòrd e rinn glan a bhith a' lorg dhòighean ùra air an sgeulachdan innse.

"Aithnichidh feadhainn a th' air app Ulaidhean Uibhist a chleachdadh cuid de na h-uidheaman didseatach: tha modailean fìor-mheudach fìorachd leasaichte fhathast nam pàirt chudromach de na gheibhear le Ulaidhean.

"Ach mar sgioba tha sinn dealasach mu chrìochan ùra a phùtadh agus rudan ùra fheuchainn, 's mar sin gheibh luchd-cleachdaidh na h-uimhir de rudan ùra an lùib an app, 's tha sinn airson beachdan dhaoine air a chluinntinn."

Tha dùil gun leudaichear am pròiseact chun na treas làraich ann am Barraigh nas fhaide den bhliadhna, le trì làraichean anns na Hearadh a' faighinn an aon ghoireas as t-samhradh 2027, agus cuairt-thaisbeanaidh gu bhith ann an 2028.