Leudachadh san amharc aig Ulaidhean Uibhist

  • Air fhoillseachadh
AppTùs an deilbh, Ulaidhean Uibhist

Tha a' bhuidheann air cùl a' phròiseict Ulaidhean Uibhist a' coimhead ri leudachadh 's iad air an ainmeachadh air a' gheàrr-liosta airson Duaisean Arc-Eòlais Bhreatainn.

Bidh an app aig Ulaidhean Uibhist, taobh a-muigh, no Uist Unearthed, a' toirt sealladh bhiortail do dhaoine air mar a bha seann làraichean ainmeil ann an Uibhist a' coimhead nan là.

'S iad UHI Innse Gall agus Comhairle nan Eilean Siar a tha air cùl an app is chaidh a stèidheachadh ann an 2021.

Tha iad a-nise a-staigh airson dà dhuais aig Duaisean Arc-Eòlais Bhreatainn, taobh a-muigh.

Bidh Ulaidhean Uibhist a' farpais airson Duais Sgaoileadh Fiosrachaidh no Duais Taisbeanaidh, agus Duais Ùr-ghnàthachaidh ann an Arc-Eòlas.

Fo-thiotal,

Liam Alasdair Crouse bho Ulaidhean Uibhist a' bruidhinn air Aithris na Maidne.

Thug sin togail mòr dha sgioba an app.

"Tha an sgioba gu math moiteil", dh'innis Liam Alasdair Crouse bho Ulaidhean Uibhist.

"Tha an dà dhuais sin dìreach a' sònrachadh na h-obrach sgoinneil a tha air a dhol a-staigh dhan app seo".

Dh'innis Liam gu bheil an t-urram a tha iad a' faighinn a-nise gam brosnachadh tuilleadh a dhèanamh agus an app a leudachadh, is seachad air dìreach Uibhist.

"Sin an dòchas gun teagamh sam bith," mhìnich e.

"Bha iad airson tòiseachadh le Uibhist ach tha mi a' smaointinn nam biodh an t-airgead ann agus an taic, gum biodh an sgioba gu mòr airson am mapa a sgaoileadh thairis air na h-Eileanan Siar an toiseach, ach gun teagamh sam bith tha cothrom fàs cus nas motha na sin", thuirt e.

Ron sin, tha obair a' leantainn air làraichean bhiortail ann an Uibhist fhèin a chur air dòigh san app.

Thèid na duaisean aig Comhairle Arc-Eòlais Bhreatainn a thoirt seachad ann am Baile Àtha Cliath Dimàirt an 29mh den t-Samhain.