Ulaidhean Uibhist a' leudachadh gu Barraigh agus Na Hearadh

Ulaidhean UibhistTùs an deilbh, Ulaidhean Uibhist
  • Air fhoillseachadh

Thèid pròiseact Ulaidhean Uibhist a leudachadh gu Barraigh agus na Hearadh agus e air maoineachadh ùr fhaighinn.

Gheibh an sgioba arc-eòlais £616,230 airson a' phròiseict a mhaireas trì bliadhna.

Bheir e sealladh bhiortail do dhaoine air sia làraichean eadar Barraigh agus na Hearadh, a' toirt a-steach na linne Mesolithic agus na 20mh Linne.

'S iad UHI a Tuath, an Iar is Innse Gall a tha air cùl an app, a chaidh a chur air chois ann an 2021.

Tha e stèidhichte aig Cnoc Soilleir ann an Uibhist a Deas.

"Tha sinn gu mòr a' coimhead air adhart ri bhith a' togail air na tha sinn air ionnsachadh bhon obair againn ann an Uibhist," thuirt an Dtr Rebecca Rennell, Manaidsear Pròiseict Ulaidhean Uibhist.

"Tha sinn gu sònraichte a' dèanamh fiughair ri a bhith ag obair le coimhearsnachdan agus buidhnean coimhearsnachd ann am Barraigh agus na Hearadh airson faighinn a-mach dè na làraichean a dh'iarradh iad a bhith mar phàirt den phròiseact ùr."

Ulaidhean UibhistTùs an deilbh, Ulaidhean Uibhist

Tha Ulaidhean Uibhist ag ràdh gun deach an app aca a luchdadh a-nuas 7,800 turas bho chaidh a stèidheachadh.

Tha iad air teicneòlas a chleachdadh airson seallaidhean bhiortail a thoirt do dhaoine aig còig diofar làraichean.

Chaidh trì duaisean a bhuileachadh air an sgioba ann an 2022 le Comhairle Arc-eòlais Bhreatainn airson na h-obrach aca.

Tha am maoineachadh airson a' phròiseict ùir a' tighinn bho Àrainneachd Eachdraidheil na h-Alba, Iomairt na Gàidhealtachd agus nan Eilean, Maoin Dualchais a' Chrannchuir Nàiseanta, SSEN, agus Comhairle nan Eilean Siar.

"'S e eisimpleir air leth a th' ann an Ulaidhean Uibhist air mar as urrainn do cholaistean agus oilthighean an cuid rannsachaidh a chur fa comhair choimhearsnachdan," thuirt Lydia Rohmer, àrd-oifigear UHI a Tuath an Iar agus Innse Gall.

"Bu mhath leinn taing a thoirt dha na buidhnean maoineachaidh airson cothrom a thoirt dhan phròiseact leudachadh nas fhaide na Uibhist."

Tuilleadh air an sgeulachd seo