Seirbheis-adhair còig là eadar Beinn na Faoghla is Steòrnabhagh

- Air fhoillseachadh
Tha seirbheis-adhair còig là san t-seachdain gus tòiseachadh eadar Beinn na Faoghla agus Steòrnabhagh.
Dh'innis a' chompanaidh Hebridean Air Services, aig a bheil cùmhnant PSO airson na slighe, gum bi na seirbheisean eadar Diluain is Dihaoine a' tòiseachadh air an 26mh den Dàmhair.
'S e leudachadh a tha seo air an t-seirbheis trì là san t-seachdain a tha air a bhith aca bho fhuair iad an cùmhnant ann an 2024.
Chaidh aithisg air beulaibh Comhairle nan Eilean Siar nas tràithe dhen bhliadhna a' a thuirt gun robh maoineachadh ann gus an t-seirbheis a leudachadh bho thrì là gu còig.
Tha HAS mar-thà a' tabhainn àite air nan seirbheisean ùra, taobh a-muigh bhon t-seachdain mu dheireadh den Dàmhair.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh25 Am Màrt

- Air fhoillseachadh28 Am Màrt 2024