Ulaidhean Uibhist a' faighinn trì duaisean arc-eòlais

  • Air fhoillseachadh
AppTùs an deilbh, Ulaidhean Uibhist

Chaidh trì duaisean a bhuileachadh air an sgioba arc-eòlais a tha air cùl a' phròiseict, Ulaidhean Uibhist.

Fhuair an sgioba Duais Ùr-ghnathachaidh an Arc-eòlais, Duais an Taisbeanaidh Phoblaich agus Duais an t-Sàr-choileanaidh Arc-eòlais aig Duaisean Coileanaidh an Arc-eòlais, taobh a-muigh a tha air a ruith le Comhairle Arc-eòlais Bhreatainn.

Tha an fharpais fosgailte do phròiseactan air feadh na Rìoghachd Aonaichte agus ann an Èirinn.

Chaidh na duaisean ainmeachadh aig cuirm ann an Caisteal Bhaile Átha Cliath oidhche Mhàirt.

Bidh an app aig Ulaidhean Uibhist, taobh a-muigh, no Uist Unearthed, a' toirt sealladh bhiortail do dhaoine air mar a bha seann làraichean ainmeil ann an Uibhist a' coimhead nan là.

Cuide ris a sin tha taisbeanadh ioma-mheadhanach a bha ann an Steòrnabhagh an t-seachdainn a chaidh.

'S iad UHI Innse Gall ann an co-bhanntachd le Comhairle nan Eilean Siar a tha air cùl an app a chaidh a stèidheachadh ann an 2021.