Naidheachdan 11:00m
Anndra Mountbatten-Windsor
Tha Anndra Mountbatten-Windsor a' toirt nam poileas gu lagh às dèidh mar a chuireadh an grèim e anns a' Ghearran. Tha am BBC a' tuigsinn gu bheil an luchd-lagha aige a' sireadh cead à britheamh gus teagamh a thogail mu na barantasan a chleachd Thames Valley Police airson sgrùdadh a dhèanamh air an Loidse Rìoghail air Oighreachd Sandringham far an robh Mgr Mountbatten-Windsor, bràthair an rìgh, roimhe a' fuireach. Tha e fo rannsachadh fo amharas mì-ghiùlain ann an dreuchd phoblach, ann an co-cheangal ris a' chàirdeas aige le Jeffrey Epstein, nach maireann. Tha Mgr Mountbatten-Windsor a' dol às àicheadh càil a dhèanamh ceàrr.
Bochdainn chloinne
Tha Alba dualtach fàiligeadh le na targaidean a tha aig an riaghaltas airson bochdainn chloinne a lùghdachadh, a reir buidheann-chathrannais. Tha Bunait Joseph Rowntree ag ràdh nach eileas faisg air na h-amasan a bh' ann a choileanadh agus atharrachadh radaigeach a dhìth airson cùisean fhaighinn air chùrsa. Tha Riaghaltas na h-Alba ag ràdh gu bheil tuilleadh ri dhèanamh, ach gu bheil na poileasaidhean aca air 100,000 pàiste a chumail a-mach à bochdainn am-bliadhna.
Caolas Shasainn
Tha ùghdarrasan na Fràinge ag ràdh gun deach dithis a mharbhadh aig muir far chosta a tuath na dùthcha, agus iad a' feuchainn ri dhol thairis air Caolas Shasainn. Bha iad nam fireannaich sna 30an agus sna 40an. Tha dithis bhoireannach anns an ospadal cuideachd agus iadsan air an losgadh a rèir choltais le connadh.
Morgaidsean
Tha an riadh a tha ri phàigheadh air morgaids ùr stèidhichte fad còig bliadhna air èirigh gu 6% sa chumantas airson a' chiad uair ann an trì bliadhna. Tha morgaids air riadh stèidhichte airson dà bhliadhna beagan nas lugha na sin fhathast. Tha cosgaisean air a bhith ag èirigh dha na bancaichean is eile, le draghan mu staid na h-eaconomaidh eadar-nàiseanta, ìre rèidh Bhanca Shasainn, agus cosgaisean iasaid an riaghaltais fhèin a' cur ri suidheachadh mì-chinnteach.
Maoim-slèibhe
Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil obair ga dèanamh leotha air rathad A855 anns an Eilean Sgitheanach, eadar Ùige agus Cille Mhoire. Tha an rathad dùinte fhathast às dèidh maoim-slèibhe a bh' ann aig Idrigill feasgar Dihaoine. Feumar siubhal timcheall air Rubha Thròndairnis tro Phort Rìgh airson faighinn eadar Ùige agus Cille Mhoire. Ged a tha rathad a' Chuidh Fhraing fosgailte airson a chleachdadh cuideachd, tha a' chomhairle ag ràdh nach eil an rathad sin freagarrach idir dha carbadan mòra, agus e co-dhiù feumach air uachdar ùr air.
Tubaist rathaid
Dh'ainmich na poilis an duine a chaill a bheatha san tubaist rathaid a bh' ann an Uibhist a Tuath an t-seachdain sa chaidh. Bha Thomas Sharpe aois 43. Bha e a' draibheadh Kia Ceed dubh a bhuail le Mercedes A Class air an rathad eadar Loch nam Madadh agus An Clachan oidhche Chiadain a chaidh. Tha na poilis a-rithist air fiosrachadh iarraidh bho dhaoine a bha anns an sgìre no aig a bheil dealbhan dashcam bhon oidhche sin.