Fireannach a chaochail an tubaist an Uibhist a Tuath air ainmeachadh

Rathad dùbailte le loidhniche geala aig oir agus loidhne gheal bhriste sa mheadhan. Tha crann dealain air a' mhòintich ri a thaobh. Tùs an deilbh, STEPHEN DARLINGTON/GEOGRAPH
Fo-thiotal an deilbh,

Thachair an tubaist air a' phrìomh-rathad eadar An Clachan agus Loch nam Madadh

  • Air fhoillseachadh

Chaidh fireannach a chaochail ann an tubaist rathaid ann an Uibhist a Tuath an t-seachdain seo chaidh ainmeachadh mar Thomas Sharpe, 43.

Thachair an tubaist mu 8:55f oidhche Chiadain aig Loch a' Bhùird air an A867 eadar Loch nam Madadh agus An Clachan.

'S ann eadar Mercedes A Class dubh agus Kia Ceed dubh a bha an tubaist.

Chaidh Mgr Sharpe a thoirt a dh'Ospadal na Banrigh Ealasaid ann an Glaschu far an do bhàsaich e.

Chaidh fireannach, 36, a thoirt a dh'Ospadal Uibhist is Bharraigh ann am Beinn na Faoghla.

Bha an rathad dùinte airson faisg air 24 uairean de thìde fhad 's a rinneadh sgrùdadh air an làraich.

Thuirt an Sàirdseant Calum MacAmhlaigh: "Tha ar smuaintean fhathast le teaghlach agus caraidean Thomas aig an àm glè dhuilich seo.

"Tha an sgrùdadh againn a' leantainn feuch dè a dh'adhbharaich an tubaist agus tha sinn ag iarraidh air daoine a chunnaic na thachair a thighinn a bhruidhinn rinn, taobh a-muigh.

"Tha sinn cuideachd ag iarraidh air daoine le dealbhan dash-cam a thighinn air adhart."

Bu chòir fònadh gu Poileas Alba air 101 is àireamh 3342 30/09/26 a thoirt seachad.

Tuilleadh air an sgeulachd seo