Gearraidhean mòra air fàire aig a' chompanaidh stailidh as motha an Alba

StaileanTùs an deilbh, Getty Images
  • Air fhoillseachadh

Tha a' chompanaidh as motha a bhios a' dèanamh uisge-bheatha an Alba, Diageo, air gearraidhean luach £743m fhoillseachadh mar phàirt de dh'ath-structarachadh mhòr.

Thàinig an naidheachd dìreach làithean an dèidh rabhadh bho aonadh an GMB gu bheil 172 chosnadh ann an taighean-staile air feadh a' chinn a tuath ann an cunnart, le dùil gum falbh mu 38 dhiubh.

Dh'fhoillsich a' chompanaidh gu bheil iad air nas lugha a reic agus nas lugha prothaid a dhèanamh thairis air a' bhliadhna mu dheireadh.

Tha dùil aig Diageo, a bhios a' ruith 31 taigh-staile air feadh Alba, £631m de ghearraidhean a dhèanamh air an obair-staile aca, agus £111m eile ceangailte ris an t-sèine solair aca.

Cosgaidh na gearraidhean cha mhòr £1bn dhan chompanaidh.