Naidheachdan 11:00m
Ionnsaigh ghunna
Thuirt poilis ann an Thailand gun do mharbh gille, 14 bliadhna de dh'aois, seachdnar ann an ionnsaigh ghunna aig sgoil fasg air a' phrìomh-bhaile, Bangkok. Tha e coltach gun robh a sheanair agus a sheanmhair nam measg, agus tidsearan san sgoil dhan robh e a' dol. Chaidh còrr 's 20 duine eile a leòn, dithis gu dona, mus do chuir an deugaire a ghunna ris fhèin.
Cùis Locarbaigh
Bidh fianais sgrìobhte ag aideachadh ciont airson spreadhadh Locarbaigh ceadaichte aig cùirt sna Stàitean Aonaichte. Bha luchd-lagha a' cumail a-mach gur ann an aghaidh a thoil a dh'aidich Abu Agila Mas'ud Kheir Al-Marimi a chiont agus nach robh an fhianais fìor. Ach thuirt britheamh gun seas sin mar fhianais agus bidh i e aig meadhan cùis an luchd-casaid nuair a thòisicheas a' chùis aig cùirt fheadarail ann an Washington DC aig deireadh na mìos.
PC Andrew Harper
Thuirt an duine a bha os cionn rannsachadh nam poileas mu bhàs PC Andrew Harper gu bheil e a' cur uabhas air gum faodadh dithis den fheadhainn a rinn am marbhadh faighinn a-mach às a' phrìosan tràth. Dh'innis Stuart Blaik dhan BhBC gu bheil teaghlach Andrew Harper a' fulang gu mòr leis a' cho-dhùnadh agus gum feum an sgeama atharrachadh. Ach thuirt Sràid Downing ma dh'fhàgas iad barrachd phrìosanach a-mach às an sgeama gu bheil cunnart ann gun tèid siostam nam prìosan fodha.
Cùis Minnie Merriman
Tha NHS Taobh Tatha a' rannaschadh an deach fiosrachadh mu euslainteach a dhìth orra. Tha aithirisean ann gum buineadh an dàta do Minnie Merriman à Yorkshire, a bha naoi bliadhna a dh'aois agus a chaochail san ospadal ann an Dùn Dè Diluain an dèidh a faighinn air a droch leòn ann an Obar Bhrothaig. Tha Christopher Rice, 35 bliadhna de dh'aois, an greim fo chasaid gun do mhurt e i.
Teine sa Ghleann Mhòr
Tha pàirt de Phàirc Nàiseanta a' Mhonaidh Ruaidh a th' air a bhith dùinte bho chionn fad trì seachdainean a' fosgladh a-rithist an dèidh an teine mhòir an sin. Ged a tha an teine a' dol fhathast, chaidh e às gu ìre agus gun deach co-dhùnadh gu bheil e sàbhailte rathaidean sa Ghleann Mhòr fhosgladh a-rithist.