Oifis a' Phuist as fhaide siar air tìr-mòr Bhreatainn a' fosgladh às ùr

Dh'obraich a' choimhearsnachd còmhla airson seirbheisean puist agus bancaidh ath-stèidheachadh sa bhaile
- Air fhoillseachadh
Tha muinntir Chille Chòmhain ann an Àird nam Murchan a' dèanamh gàirdeachais an dèidh dha Oifis a' Phuist aca fhosgladh às ùr.
Tha mu 150 duine a' fuireach sa bhaile as fhaide siar air tìr-mòr Bhreatainn agus chaill iad an aon bhùth, Oifis a' Phuist agus an stèisean connaidh san Dàmhair.
Tha Companaidh Leasachaidh Coimhearsnachd Àird nam Murchan an Iar air a bhith os cionn pròiseict na seirbheisean riatanach ath-stèidheachadh. 'S e a' chiad tè Oifis a' Phùist air làraich ùir ann an Ionad Coimhearsnachd Chille Chòmhain.
Chruinnich muinntir a' bhaile agus luchd-turais airson aig cuirm ath-fhosglaidh Dimàirt.

Maighistir a' Phuist ùr Richard Johnson le greim air an ribean aig cuirm fosglaidh Oifis a' Phuist ann an Cille Chòmhain
Chaidh Richard Johnson, a rinn obair còmhla ri saor-thoilich airson am meur ath-stèidheachadh, fhastadh mar mhaighstir a' phuist.
"Tha e air a bhith a' toirt 45 mionaidean air ais agus air adhart mus ruig thu Oifis a' Phuist as fhaisge, neo turas 35 mionaidean air a' bhàta-aiseig a Thobar Mhoire," thuirt Mgr Johnson.
Thuirt e gun robh a' choimhearsnachd air an dòigh glan gun robh an goireas aca a-rithist.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh20 An Giblean

- Air fhoillseachadh9 An Gearran
