Dragh air an GMB mu ghearraidhean aig Diageo

- Air fhoillseachadh
Ghabhadh a' mhòr-chuid de 172 cosnadh a th' ann an cunnart aig taighean-staile aig tuath sàbhaladh nam biodh a' chompanaidh mhòr Diageo deònach beachdachadh air leigeil le luchd-obrach falbh le an toil fhèin, a rèir aonadh an GMB.
Tha dùil gun caillear 38 de na h-obraichean a chaidh a chomharrachadh.
Thàinig co-chonaltradh a rinn Diageo leis an luchd-obrach aca gu ceann an t-seachdain a chaidh.
Bidh Diageo a' ruith 31 taigh-staile air feadh Alba.
Tha an GMB - fear de na h-aonaidhean ciùird as motha ann an gnìomhachas na dibhe - a' fàgail air a' chompanaidh mhòir eadar-nàiseanta gun do chuir iad an cùl ri roghainnean eile seach daoine a chur às an dreuchdan an aghaidh an toil.
Thuirt iad cuideachd nach eil a' chompanaidh a' toirt feairt air a' buaidh a bheireadh sin air coimhearsnachdan dùthchail air feadh na Gàidhealtachd 's nan Eilean agus Moireibh.
"'S e beachd an GMB an dèidh na chuala sinn bho luchd-obrach air feadh Diageo gun gabhadh a' mhòr-chuid de na dùnaidhean puist seo làimhseachadh gu roghainneach nam biodh an gnothachas deònach coimhead ri sin," thuirt Lesley-Anne NicAsgaill a tha a' riochdachadh GMB Alba air Ghàidhealtachd 's anns na h-Eileanan.
"Dh'fhàgadh sin nach deadh faisg uiread de dhaoine tron phròiseas sreasmhor a tha an lùib a bhith a' cur dhaoine às an dreuchdan an aghaidh an toil."
Uisge-beatha a' cur £7.1bn ris an eaconomaidh
- Air fhoillseachadh16 Am Faoilleach 2024
Uisge-beatha air crìonadh gu mòr
- Air fhoillseachadh12 An Gearran 2021
Thuirt Ms NicAsgaill gu bheil an t-aonadh a' tuigsinn gu bheil dùbhlain mu choinneimh ghnìomhachas an uisge-bheatha an-dràsta agus thuirt i nach biodh e coltach gun deadh stailc a chumail aig àm mar seo.
"Tha sinne dìreach ag iarraidh gun gabh Diageo na h-aon cheumannan 's a tha a h-uile fastaiche eile ann an gnìomachas an uisge-bheatha a' gabhail gus seo a làimhseachadh gu dòigheil agus le co-fhaireachdainn, ag obair còmhla ris an luchd-obrach."
Thuirt neach-labhairt às leth Diageo gun robh iad fhathast ann an co-chonaltradh mu phrògram ath-structarachaidh a chaidh a ghealltainn sa Ghearran, 's nach deach co-dhùnaidhean sam bith a dhèanamh.
"Bidh sinn daonnan a' toirt prìomhachais do bhith ag innse do ar co-obraichean an toiseach mu atharrachaidhean sam bith agus tha sinn fo ghealltanas fiosrachadh a thoirt don luchd-earrainn againn air an adhartas a rinn sinn aig là Mhargaidhean Calpa air an t-6mh là den Lùnastal," thuirt iad.