Maoineachadh dhan obair 'craobhan beaga' na h-Alba a ghlèidheadh

Thèid na pìosan a ghearras iad bho chraobhan a chur ann an nursaraidh
- Air fhoillseachadh
Chaidh taic-airgid a thoirt do phròiseact a stèidhicheadh airson cuid de na "craobhan beaga" tearc an Alba - coilltean a tha a' fàs air na monaidhean àrda - a ghlèidheadh.
Chan eil na craobhan, nam measg an t-aiteann agus an seileach-miortail a tha an cunnart feadh an t-saoghail, a' fàs mòr air sgàth na sìde gairbhe aig àirde agus tha coltas pris orra.
Cleachdaidh a' bhuidheann Loch Abar Mòr, com-pàirteachas ùrachadh tìre, grant luach £108,000 bho Riaghaltas na h-Alba airson mapa a dhèanamh de na coilltean beaga ann an Loch Abar.
Cosgar cuid den airgead cuideachd air pròiseact na buidhne Craobhan Beaga Loch Abar nursaraidh a stèidheachadh.
Thàinig fàs air obair craobhan dùthchasach a chur sna h-Eileanan Siar
- Air fhoillseachadh26 An t-Samhain 2024
Craobhan dùthchasach gan cur an Eige 'son connaidh 's nàdair
- Air fhoillseachadh13 An Giblean
Tha Abel McLinden, manaidsear Loch Abar Mòr, ag ràdh gu bheil nas lugha na 37 acair den t-seòrsa choilltean seo air fhàgail an Loch Abar cho fada agus is fiosrach leotha.
"Air sgàth 's mar a bhathar ag obrachadh an fhearainn, cus ionaltraidh na mheasg, tha coilltean beinne am measg nan àrainnean as teirce agus as cugallaiche an Alba," mhìnich e.
Thuirt Mgr McLinden gun robh na coilltean cudromach a thaobh a bhith ag ath-neartachadh bhruthaichean agus a' cumail smachd mhath air sruthadh bùirn.
"Ge-ta, chan fhaighear na h-àrainnean seo a-niste ach air stùcan agus ann an gilean iomallach far nach eil ùr-fhàs ann idir neo glè bheag dheth."

Thathar ag ràdh gu bheil na coilltean beaga am measg an fheadhainn as teirce an Alba
Thèid mapa a chruthachadh de na craobhan ann an cuid de na sgìrean as iomallaiche agus as doirbhe a ruighinn an Alba, nam measg Creag Mèagaidh, Gleann Ruaidh, Beinn Nibheis agus An Coire Odhair.
Thèid sìol agus gearragan craoibhe a chruinneachadh airson craobhan a chur ann an nursaraidh.
Thuirt an Dr Katherine Leys, ceannard bith-iomadachd aig NàdarAlba: "Tha grunn lusan agus bheathaichean a' tighinn beò ann an coilltean nam beann agus tha an àrainn seo cuideachd a' cur bacadh air tuiltean agus crìonadh-tìre.
"Mura dèan sinn càil, tha cunnart ann gun caill sinn an àrainn air leth tearc agus cudromach seo."

Tha Sarah Watts na rannsaiche ann an ath-stèidheachadh choilltean beinne
Lorgadh craobhan cho fada suas ri 3,281 troigh (1,000m) air cuid de na beanntan as àirde an Alba.
Thig an sìol air a' ghaoith neo ann an salchar nan eun.
Bha uair ann agus bha na mullaichean còmhdaichte ann an coilltean, ach chuir obair mhic an duine thairis air na mìltean bhliadhnaichean às do na craobhan.