Toirbheartan air ainmeachadh mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta

An Liathach agus pàirt de Bheinn Eighe
- Air fhoillseachadh
Chaidh Toirbheartan ainmeachadh mar an Tèarmann Nàdair Nàiseanta às ùire ann an Alba.
Tha NàdarAlba air gabhail ri iarrtas bho Urras Nàiseanta na h-Alba mu 12,602 acair a chomharrachadh fon bhrataich seo.
Tha an tèarmann a' dol bho bhruaichean Loch Thoirbheartain gu mullach Beinn Àiligin agus An Liathach.
Ri thaobh, tha Tèarmann Nàdair Nàiseanta Beinn Eighe - a' chiad sgìre san Rìoghachd Aonaichte air an deach an inbhe a bhuileachadh ann an 1951.
Tha an sgìre na h-àite-còmhnaidh do dh'iomadach rud bho phlanntaichean annasach gu eòin leithid an iolaire-bhuidhe.
Tha i a' tarraing àireamhan mòra de luchd-turais gach bliadhna agus i ainmeil airson sreap agus coiseachd.

An Liathach, tè de na beanntan san Tèarmann Nàdair ùr
Tha Toirbheartan air a bhith an urra ri Urras Nàiseanta na h-Alba bho dheireadh na 1960an agus tha amasan aca san ùine-fhada gus nàdar a bhrosnachadh san sgìre, ann an com-pàirteachas le coimhearsnachdan ionadail agus uachdarain.
Thuirt Àrd-oifigear an urrais, Phillip Long OBE: "Mar bhuidhean, tha sinne ag amas air nàdar, bòichead agus dualchas na h-Alba a shealltainn dhan a h-uile duine.
"Leis gur e Tèarmann Nàdair Nàiseanta a th' ann an Toirbheartan a-nis, tha mi an dòchas gum brosnaich seo daoine gus a dhol ga fhaicinn agus gun ionnsaich iad mun obair ghlèidheachtais a tha ga dhèanamh airson a dhìon san àm ri teachd."

Beinn Àiliginn
A rèir NàdarAlba, tha e deatamach nàdar a dhìon gus targaidean na dùthacha a thaobh bith-iomadachd a choileanadh.
Tha Alba ag amas air stad a chur air crìonadh ann am bith-iomadachd ro 2030 agus gum bi nàdar air slànachadh ro 2045.
Thuirt Àrd-oifigear na buidhne, Nick Halfhide: "Tha Toirbheartan na dheagh eiseimpleir air mar a ghabhas pìosan talmhainn a cheangal ri chèile gus nàdar a bhrosnachadh agus mar as urrainn do dh'uachdarain, buidhnean cathrannais agus coimhearsnachdan obrachadh còmhla a dh'ionnsaigh an aon amais."
'S e Toirbheartan a' chiad sgìre a th' air a bhith air a comharrachadh mar Thèarmann Nàdair Nàiseanta an Alba bho 2017 - nuair a chaidh Glean Comhann agus Oighreachd Loidse Mar ainmeachadh mar an leithid.
Tuilleadh mun sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh21 An Dùbhlachd 2020

- Air fhoillseachadh26 An t-Samhain 2021
- Air fhoillseachadh26 An t-Ògmhios 2018
