Transocean Winner "an sgeulachd a b' fheàrr a rinn mi a-riamh"

Am fear-naidheachd Aonghas Dòmhnallach le maidhc molach air bàta anns an Loch a Tuath le clàr-ola air a chùlaibh
Fo-thiotal an deilbh,

Aonghas Dòmhnallach ag aithris às an Loch a Tuath far an deach an Transocean Winner a shlaodadh à Dail Mòr mus deach a toirt air falbh

  • Air fhoillseachadh

Air madainn an 8mh den Lùnastal 2016 bha Aonghas Dòmnallach fhathast na chadal san Rubha faisg air Steòrnabhagh nuair a dh'fhalbh am fòn aige.

Chaidh innse dha mu rud a thachair a bha duilich dha a chreidsinn.

Thuirt seann fhear-naidheachd a' BhBC: "Chuala mi gun robh clàr-ola air a thighinn air tìr air an taobh siar ann an Càrlabhagh an cladach Dail Mòr!"

Rinn Aonghas air an tràigh le cabhaig far an d' fhuair e a' chiad sealladh den ìomhaigh iongantach - structar mòr stàillin le crann àrd a' fiaradh air na creagan.

Clàr-ola an Transocean air na creagan ann an Dail Mòr

Tha 10 bliadhna ann bhon bha bàta-slaodaidh a' toirt an Transocean Winner eadar Nirribhidh agus Malta a-muigh sa Chuan Siar nuair a thàinig gèile.

Bhris an clàr-ola air falbh bhon bhàta-slaodaidh air an oidhche, mus deach e air tìr tràth sa mhadainn ann an Dail Mòr an sgìre Chàrlabhaigh.

Cha robh duine air bòrd ach bha 280 liotar de dhìosal.

'S beag fios a bh' aig Aonghas Dòmhnallach a' chiad mhadainn ud gum biodh e an sàs san sgeulachd airson cha mhòr dà mhìos "a' faicinn dè an t-adhartas a bha iad a' dèanamh airson a toirt air falbh".

Clàr-ola an Transocean Winner air na creagan ann an Dail Mòr Tùs an deilbh, MARK MACLEÒID
Fo-thiotal an deilbh,

Bha na ceudan liotairean de dhìosal air bòrd an Transocean Winner ach, gu fortanach, cha robh truailleadh ann

Rinn Aonghas 13 aithrisean air a' chiad là, agus ùidh mhòr aig buidhnean naidheachd san sgeulachd gu nàiseanta agus gu h-eadar-nàiseanta.

Thuirt e: "'S e sgeulachd mhòr a bh' ann gu h-ionadail cuideachd airson an toiseach bha eagal ann gum biodh truailleadh an cois a' chlàir, gun dèanadh i tòrr call, ach cha b' e sin a thachair idir.

"'S e sgeulachd mhath a bh' ann, sgeulachd inntinneach, chan fhàsadh tu sgìth dheth ged a bhiodh tu ag obair air fhathast!"

Talla làn dhaoine a' coimhead air bhideo air sgrion
Fo-thiotal an deilbh,

Bha taisbeanadh ann an Càrlabhagh a' cuimhneachadh air na thachair

Thàinig daoine cruinn ann an Càrlabhagh Dimàirt a chluinntinn mar a tha Aonghas a' cuimhneachadh air an sgeulachd 10 bliadhna on thàinig an Transocean Winner air tìr.

An làthair bha Aonghas MacAsgaill à Carlabhagh aig a bheil cuimhne mhath air a' mhadainn a chuala e an naidheachd.

"Dh'innis mi dhan dà nighean agam agus dh'fhalbh sin sìos ach chan fhaigheadh sin a-steach an rathad, bha na poilis ann.

Aonghas MacAsgaill. Duine maol le speuclairean air agus seacaid dhorcha.
Fo-thiotal an deilbh,

Thuirt Aonghas MacAsgaill gum faca iad "a' bhiast rud a bha seo air a' chladach"

"Chaidh sinn tarsainn na mòintich agus chunnaic sinn a' bhiast rud a bha seo air a' chladach.

Thuirt e: "Abair thusa gun robh tòrr a' tachairt ann an Càrlabhagh anns na seachdainean agus na mìosan às dèidh sin!"

Tha Aonghas Dòmhnallach a' smaoineachadh "gu bheil e a' ciallachadh tòrr dhaibh gu bheil iad a' coimhead gur e rud a bh' ann a tharraing an àite ri chèile".

Tha e na adhabhar toileachais dha gun robh na h-eòlaichean a bha an sàs sa ghnothach a' moladh cho cuideachail agus a bha a' choimhearsnachd dhaibh.

"Choisinn sin cliù mìorbhaileach dhan choimhearsnachd seo," thuirt e.

Aonghas Dòmhnallach. Fireannach le falt liath, speuclairean, seacaid, lèine agus geansaidh gorm
Fo-thiotal an deilbh,

Tha an seann fhear-naidheachd toilichte a bhith a' cuimhneachadh air sgeulachd nach do "dh'fhàg droch dhìleab às a dèidh"

Cha b' e sin an aon bhuannachd a bh' ann an cois a' ghnothaich.

Fhuair a' choimhearsnachd maoineachadh bhon chompanaidh aig an robh an Transocean Winner, agus fhuair gnothachasan ionadail - eadar luchd-einnseinìridh, taighean-aoigheachd agus daoine le bàtaichean - buannachd às.

Bha Aonghas na fhear-naidheachd airson còrr is 40 bliadhna agus tha e ag ràdh "gun cheist sam bith 's e seo an sgeulachd a b' fheàrr a bh' ann".

Mhìnich e: "Tha mise air an t-uabhas sgeulachd a dhèanamh mu dheidhinn nan eilean agus tha feadhainn ann agus tha e air a bhith bochd leam gun robh agam ri an dèanamh airson bha e a' cur fìor dhroch choltas air an àite às an robh mi fhèin.

"'S e sgeulachd mhath a bh' ann agus 's e sgeulachd a bh' ann nach do dh'fhàg droch dhìleab sam bith às a dèidh."

Tuilleadh air an sgeulachd seo