Iarrtas pàipearan Mhaol Chinn Tìre a chumail
- Air fhoillseachadh

Dh'iarr Àrd-Sheanadh Eaglais na h-Alba air Ministrealachd an Dìon (MoD) pàipearan a th' aca mun tubaist heileacoptair Chinook air Maol Chinn Tìre a chumail.
Chaidh 29 duine a mharbhadh san tubaist heileacoptair ann an 1994.
Bha an heileacoptair air an t-slighe eadar RAF Aldergrove faisg air Béal Feirste is Dùn Deòrsa faisg air Inbhir Nis nuair a thachair an tubaist.
Bha 25 duine de na bha air bòrd ag obair ann an seirbheisean brathaidh Èireann a Tuath.
Ged a fhuair rannsachadh an toiseach gur iad dithis de na pìleatan a bu choireach, chaidh cur às dhan riaghladh sin às dèidh ath-sgrùdaidh.
Thabhainn an Riaghaltas leisgeul air teaghlaichean nam pìleatan.
Tha Ministrealachd an Dìon a' beachdachadh air dè nì iad leis na pàipearan a th' aca co-cheangailte ris an tubaist.
Ath-sgrùdadh
Tha Eaglais na h-Alba, a tha air bruidhinn mun chùis thar nam bliadhnaichean, air a bhith a' deasbad na cùise aig an Àrd-Sheanadh ann an Dùn Èideann.
Dh'aontaich iad nach bu chòir na pàipearan a sgrios is dh'iarr iad gum biodh iad air an cumail sàbhailte.
"Chan eil sinn a' dol a chur cùil ri seo," thuirt an t-Àrd-Urr. Ailean Dòmhnallach, a bha na fhear-gairm air Comataidh na h-Eaglaise is na Dùthcha aig àm na tubaiste.
"Tha sinne den bheachd gur e cùis uabhais a th' ann dha na teaghlaichean gum faodadh na pàipearan a bhith air an call, is cha bu chòir dha tachairt.
"Tha faireachdainn air a bhith ann bho thùs cuideachd gur dòcha gu bheil rudeigin an seo nach eil an MoD airson 's gum faic sinn," thuirt e.
Dh'innis neach-labhairt bhon MoD gun tèid ath-sgrùdadh a dhèanamh air clàran a chaidh a dhùnadh ann an 1995 is 1996.
Thuirt iad gun tèid na clàran a sgaoileadh dhan phoball no gun tèid cur às dhaibh.