CnES airson an Glen Sannox a chur eadar an Tairbeart is Loch nam Madadh

- Air fhoillseachadh
Tha Comhairle nan Eilean Siar airson is gun tèid an MV Glen Sannox a chur eadar an Tairbeart is Loch nam Madadh "ann an cabhag" fhad 's a tha trioblaidean ann leis an MV Loch Portain.
Dh'innis Caledonian Mac a' Bhriuthainn an t-seachdain seo chaidh gum bi an Glen Sannox a' frithealadh air seirbheisean nan Eilean Siar tron t-samhradh ma bhios feum orra.
Tha an Isle of Arran ag obair san dòigh sin ach airson seirbheisean air Chluaidh agus ann an Earra-Ghàidheal.
Thuirt CalMac gu bheil iad toilichte gu bheil dà shoitheach aca deiseil airson a dhol gu àite sam bith far a bheil trioblaidean teicnigeach ann an aithghearrachd.
Ach a' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt cathraiche còmhdhail CnES, Ùisdean Robasdan, gum b' fheàrr leis an ùghdarras ionadail gum biodh an Glen Sannox air a cur gu feum gu cunbhalach fhad 's a tha i anns na h-Eileanan an Iar.
CMAL air sealbh a ghabhail air aiseagan Ghàrradh Cemre
- Air fhoillseachadhBho chionn 2 làithean
An Glen Sannox mar shoitheach dha na h-Eileanan fad an t-samhraidh
- Air fhoillseachadhBho chionn 6 làithean
Thog e gu sònraichte air duilgheadas le einnsean an MV Loch Portain an-dràsta a tha a' fàgail gu bheil cuid de sheòlaidhean air Caolas na Hearadh air an cur dheth.
Thuirt Mgr Robasdan gu bheil a' chomhairle airson is gun tèid an Glen Sannox a chleachadh gus faochadh a thoirt air an t-suidheachadh sin.
"Tha an t-argamaid air a bhith againn thairis air an deireadh-sheachdain gu bheil còir barrachd feum a dhèanamh air a' Ghlen Sannox anns na h-Eileanan an Iar far a bheil duilgheadas againn an-dràsta leis an Loch Portain.
"Tha duilgheadas ann le tè de na h-einnseanan aice is chan urrainn dhi seòladh ma tha sìde ann a tha caran garbh."
Thuirt an Comh Robasdan gu bheil a' chomhairle air a dhol gu CalMac le moladh an Glen Sannox a chur eadar an Tairbeart is Loch nam Madadh san eadar-ama.
"Tha iad ag ràdh gu bheil iad a' coimhead air ach mar a tha mi a' tuigsinn, bha gu leòr an-dè fhèin a bha airson siubhail is nach d' fhuair siubhal.
"Mar sin tha mi a' smaoineachadh gu bheil an t-àm aca gluasad ann an cabhag."
Tha BBC Naidheachdan air beachd iarraidh bho ChalMac.