CMAL air sealbh a ghabhail air aiseagan Ghàrradh Cemre

Chaidh an MV Claymore a chur air bhog san Tuirc nas tràithe am-bliadhna
- Air fhoillseachadh
Tha CMAL air sealbh a ghabhail gu h-oifigeil air trì bàtaichean aiseig a thathar fhathast a' togail dhaibh san Tuirc.
Thuirt a' chompanaidh gu bheil seo airson dìon a chur air a' phròiseact aig àm nuair a tha "suidheachadh ionmhais gu math dùbhlanach" a' bualadh air Gàrradh Cemre san Tuirc.
Rinn CMAL aonta leis a' ghàrradh roimhe airson ceithir aiseagan ùra a thogail do ChalMac.
Thàinig a' chiad tè, an MV Isle of Islay, a-steach gu seirbheis ann an Alba nas tràithe am-bliadhna.
Bidh an MV Loch Indaal cuideachd a' frithealadh air Ìle is bidh an MV Lochmor agus an MV Claymore a' dol eadar an t-Eilean Sgitheanach is Uibhist a Tuath agus na Hearadh.
Dàil air aiseagan ùra san Tuirc
- Air fhoillseachadh2 An Dàmhair 2024
Obair gus tòiseachadh air aiseagan ùra
- Air fhoillseachadh3 An Gearran 2023
Bha dàil air a dhol air na h-aiseagan roimhe.
Bha dùil bho thùs gum biodh an Isle of Islay ann an làmhan CMAL san Dàmhair 2024 agus an MV Loch Indaal tràth ann an 2025.
Fon chlàr-ama mu dheireadh a fhuaireadh, tha dùil ris an Loch Indaal a-nise ann an Alba anns na mìosan ri tighinn.
Dhearbh CMAL gu bheil an Loch Indaal a-nise air na deuchainnean mara aice a dhèanamh.
An cùmhnant samhlachail a theab lìonra nan aiseagan a chur fodha
- Air fhoillseachadh21 An t-Samhain 2024
Tha dùil ris an MV Lochmor ann an Alba ro dheireadh 2026 is ris an MV Claymore ann an 2027.
Thuirt CMAL le bhith a' gabhail sealbh air na h-aiseagan gu h-oifigeil an-dràsta gu bheil iad a' cur dìon air a' phròiseact agus a' dèanamh cinnteach gun tig bàtaichean air a bheil cruaidh-fheum ann an coimhearsnachdan eileanach.
Thuirt iad gu bheil gnothaichean mar na cogaidhean san Ucràn agus Iran agus mì-chinnt sa Mhuir Dheirg a' toirt buaidh air Gàrradh Cemre agus gnothachasan eile san Roinn Eòrpa.
MV Isle of Islay air seòladh
- Air fhoillseachadh31 Am Màrt
MV Claymore ùr air bhog san Tuirc
- Air fhoillseachadh4 An Cèitean
"'S e am prìomhachas a th' againn gun tèid na bàtaichean a chrìochnachadh agus a chur ann an seirbheis airson nan coimhearsnachdan a tha feumach orra," thuirt Àrd-Stiùiriche CMAL, Caoimhin Hobbs.
"Leis an ceum seo a ghabhail, tha sinn a' lùghdachadh a' chunnairt a th' ann, a' cur dìon air na cosg sinn gu seo, agus a' dèanamh cinnteach gun tig na bàtaichean a-steach gu seirbheis cho luath 's a ghabhas.
"Bidh sinn a' leantainn oirnn ag obair gu dlùth ris a' ghàrradh."
Thuirt Rùnaire na Còmhdhail, Stephen Flynn, gu bheil Riaghaltas na h-Alba a' cur làn-taic ri co-dhùnadh CMAL.
Thuirt Àrd-Stiùiriche ChalMac, Donnchadh Mackison, nach toir an ceum seo buaidh air seirbheisean.
Thuirt Mgr Mackison gu bheil an Isle of Islay air cur gu mòr ri seirbheisean bho thòisich i.
"Ciallach"
Ann am brath feasgar Dihaoine, chuir cathraiche còmhdhail Comhairle nan Eilean Siar fàilte air a' ghluasad aig CMAL.
Thuirt Ùisdean Robasdan gun robh e taingeil cuideachd do CMAL is Còmhdhail Alba airson fios a chumail ris a' chomhairle.
"Ged a bhiodh cuid 's dòcha draghail an toiseach mun naidheachd, tha mi a' smaoineachadh gu bheil e cudromach a ràdh nach eil ceist mu shuidheachadh a' gharraidh.
"An àite sin, tha CMAL air ceum ciallach a ghabhail mar fhreagairt air suidheachadh eaconomach san Tuirc a tha air a bhith ag atharrachadh.

Ùisdean Robasdan san Tuirc nuair a bha obair a' tòiseachadh air aiseagan ùra dha na h-Eileanan an Iar
"'S e ceum glic is ciallach a ghabh iad a tha a' cur dìon air na coimhearsnachdan air am bi na bàtaichean seo a' frithealadh agus air an airgead phoblach a chaidh a chosg gu seo.
"Bu chòir CMAL a mholadh. Tha sinn an dòchas gun urrainn do Cemre cumail cho math 's as urrainn dhaibh ris a' chlàr-ama a bh' ann ach 's e an rud as cudromaiche gun tèid na bàtaichean a chrìochnachadh agus aig an fhìor àrd-ìre a chunnaic sinn mar-tha leis an MV Isle of Islay.
"Tha an soitheach sin a' sealltainn cho fìor chomasach 's a tha Cemre agus a' toirt dhuinn misneachd mu na bàtaichean eile a bhios a' tighinn."