Naidheachdan 11:00m

Burnham

Bidh Andy Burnham a' toirt seachad òraid ann am Manchester anns an leth uair de thìde a tha romhainn, a bhios mar a' chiad oraid a nì e mar thagraiche airson ceannais a' Phartaidh Làbaraich. Tha dùil gum bi Mgr Burnham na Phrìomhaire an ceann trì seachdainnean mura bi duine eile deònach seasamh na aghaidh anns an rèis airson ceannas a' phartaidh. Tha Mgr Burnham gu bhith a' bruidhinn mu na planaichean a th' aige dhan dùthaich le aire ga thoirt air an eaconamaidh agus air cumhachd a sgaoileadh bho Westminster don chòrr den dùthaich.

Badenoch

Ghabh ceannard nan Tòraidhean, Kemi Badenoch, air Andy Burnham gur e am Prìomhaire a bh' ann mar-thà, an ire mhath, agus gum feumadh e mar sin a bhith soilleir mu na planaichean aige. Bha i fhèin ri òraid an-diugh cuideachd, agus i ag ràdh gun robh samhradh de "chaos" air fàire dhan Rìoghachd Aonaichte.

Home Farm

Tha piseach a dhìth aig dachaigh-cùraim Home Farm ann am Port Rìgh cho tràth ris an ath-sheachdain a rèir luchd-sgrùdaidh a th' air fìor dhraghan a thogail mun ionad a th' air a ruith le NHS na Gàidhealtachd. Tha iomagain air Coimisean a' Chùraim mu shàbhailteachd an luchd-còmhnaidh, laigsean anns an sgioba stiùiridh agus tha iad ag aithris bheachd gu bheil cuid den luchd-obrach a' faireachdainn gu bheil "cultar puinnseanta" anns an àite.

Eòrpa - Bhanaichean Campachaidh

Tha daoine anns an Eilean Sgitheanach a' gearain mu luchd-turais ann am bhanaichean-campachaidh agus mun dol-a-mach aig cuid aca. Thathas air a bhith ag innse dhan phrògram Eòrpa a chithear air BBC ALBA a-nochd mu dhaoine a bhith a' fàgail an sgudail agus òtrachais fhèin air talamh ionaltraidh agus timcheall air taighean dhaoine. Tha iarrtas ann airson barrachd ghoireasan do dhaoine ann am bhanaichean campachaidh. Tha am prògram cuideachd ri fhaicinn air an iPlayer.

Meataran RTS

Tha buidheann charthannais ag ràdh gur dòcha gu bheil uiread ri 34,000 dachaigh ann an Alba, gu h-àraidh air a' Ghàidhealtachd agus anns na h-Eileanan a bhios as-aonais teas no uisge bhon a-màireach agus seirbheis nam meataran dealain RTS gan cur dheth. 'S e seann seòrsa de mheataran dealain a tha sin a tha a' faighinn chomharran rèidio airson innse dhaibh cuin a dh'obraicheas iad agus cuin a dh'atharraicheas a' phrìs a dh'fheumas daoine a phàigheadh. Tha companaidhean air a bhith a' feuchainn ri meatairean ùra a chur nan àite, ach tha e coltach gu bheil mòran dhaoine fhathast gun an t-iarrtas sin bhuapa a fhreagairt.

Soithichean cogaidh

Tha an Cabhlach Rìoghail a' dol a dh'fhaighinn bhàtaichean cogaidh de sheòrsa ùr mar phàirt de phlanaichean dìon ùra. Tha barrachd airgid air a ghealltainn dha dìon agus tha barrachd fios mu na planaichean gu bhith a' nochdadh anns na làithean ri teachd. Tha na bàtaichean ùra gu bhith air an togail an àite linn ùr de destroyers.