A82 fosgailte a-rithist às dèidh càr poilis a dhol na theine an Inbhir Nis

Càr poileas na theineTùs an deilbh, Scott Chisholm
  • Air fhoillseachadh

Dh'fhosgail an A82 aig Drochaid nam Manach ann an Inbhir Nis feasgar às dèidh dha bhith dùinte fad na maidne le càr poilis air a dhol na theine.

Thachair seo air an drochaid beagan an dèidh 08:30 sa mhadainn Disathairne.

Tha na seirbheisean èiginn air a bhith an làthair.

Chan eil aithrisean gun deach duine a ghoirteachadh.