Measadh dyslexia "riatanach" do gach bun-sgoilear a rèir buidhne-iomairt

Dithis a tha ag iomairt a thaobh dyslexia anns na h-Eileanan an Iar
LeAilig John Moireasdan
Fear-naidheachdAg aithris àLeòdhas
  • Air fhoillseachadh

Tha buidheann iomairt ann an Leòdhas a' cumail a-mach gum bu chòir dha a bhith riatanach do sgoilearan bun-sgoile measadh dyslexia fhaighinn mus gluais iad dhan àrd-sgoil.

Chaidh A Dyslexic Life a' stèidheachadh o chionn sia bliadhna le buidheann de bhoireannaich a bha a' faireachdainn nach robhar ag aithneachadh dyslexia aig ìre tràth gu leòr gus am faigheadh sgoilearan taic tron sgoil.

Tha Dyslexia Scotland ag ràdh gu bheil 1 anns gach 10 le dyslexia air feadh na dùthcha. Fhuair rannsachadh a rinn iadsan gur ann aig 13 a thathar a' measadh nam balach agus nigheanan aig aois 15 anns a' chumantas.

Tha iad a' cumail a-mach gu bheil còrr air 30% de chloinn a' fàgail na sgoile às aonais dearbhadh gu bheil dyslexia dha-rìribh orra.

Tha dyslexia a' ciallachadh gu bheil e doirbh do dhaoine leughadh, sgrìobhadh is litreachadh ceart.

A Dyslexic Life

Thòisich Cathy Ann Dunn A Dyslexic Life agus 's e an dà rud mu bheil iad ag iomairt gum faigh gach sgoilear measadh dyslexia aig ìre na bun-sgoile agus gum faigh gach tidsear trèanadh ann an dyslexia anns a' chiad phàirt den trèanadh oilthigh aca.

Tha Cathy Ann agus Donna NicLeòid bhon bhuidhinn a' faireachdainn nach eil tidsearan a' faighinn trèanadh gu leòr an-dràsta.

Chosg Donna na mìltean notaichean a' faighinn measadh prìobhaideach dyslexia dha mac - nach fhaigheadh e tron sgoil.

"Fhuair sinn liosta ainmean o Dyslexia Scotland," thuirt Donna.

"Bha sinne mothachail fada mus robh cothrom aig an sgoil gun robh am balach againn feumach air taic air sgàth 's gun robh dyslexia air," thuirt i.

A rèir rannsachaidh a rinneadh le A Dyslexic Life, chan ann air na h-Eileanan Siar a-mhàin a tha an duilgheadas seo a' bualadh. Tha iadsan airson atharrachadh nàiseanta fhaicinn agus thuirt iad nach eil iad airson càineadh a dhèanamh air a' chomhairle ionadail idir.

Tha Donna ag ràdh nam biodh measadh riatanach, nach deadh leanabh sam bith fhàiligeadh agus nach fhàiligeadh tidsear sam bith leis gum biodh an trèanadh ceart aca airson gach sgoilear ann an Alba a chuideachadh.

A rèir àireamhan bho Chomhairle nan Eilean Siar, chaidh 164 measadh dyslexia a dhèanamh air sgoilearan bun-sgoile anns an sgìre thar na bliadhna mu dheireadh - àrdachadh de chòrr air 30% bho na trì bliadhnaichean ron sin.

Torcuil CrichtonTùs an deilbh, Getty Images

Làn-thaic

Bha ball-pàrlamaid nan Eilean Siar Torcuil Crichton a' conaltradh ri A Dyslexic Life fiù 's mus deach a thaghadh mar bhall. Tha esan den bheachd gu bheil dyslexia air fhèin.

Tha Mgr Crichton den bheachd gur i ceist airgid gu tric a tha ag adhbhrachadh dhuilgheadasan agus cò air a tha an dleastanas airson an trèanadh - an ann air an riaghaltas no air comhairlean?

"Bhiodh tu ag iarraidh gun dèanadh na ministearan, gun dèanadh Riaghaltas na h-Alba, co-dhùnadh gu bheil iad a' dol a chur làn-thaic ri cloinn le dyslexia agus gum biodh fios aig a h-uile comhairle gum feumadh iad taic a thoirt do chloinn-sgoile mar sin," thuirt e.

"'S e sin a bhiodh tu ag iarraidh, agus carson nach biodh? Mura faigh daoine taic nuair a tha iad òg mar sin, tha na trioblaidean gan leantainn mar inbhich, dhan obair aca agus uaireannan chan fhaigh iad obair," thuirt Mgr Crichton.

Cothroman trèanaidh

Tha an EIS - aonadh an luchd-teagaisg - ag ràdh gu bheil tidsearan a' faighinn trèanadh gu leòr ann an cuspairean co-cheangailte ri feumalachdan a bharrachd (ASN) anns an fharsaingeachd.

Thuirt Riaghaltas na h-Alba gu bheil siostam foghlaim na dùthcha air a dhealbh airson taic a thoirt dhan a h-uile òganach aig a bheil feum air taic a bharrachd agus gu bheil tidsearan air an teagasg mar sin.

Thuirt iad gu bheil iad a' cur £29m ri prògraman ASN air feadh Alba agus gun deach cothroman trèanaidh a dhùblachadh ri linn.

Thuirt iad gu bheil co-obrachadh a' leantainn le Dyslexia Scotland, taobh a-muigh agus le ùghdarrasan ionadail gus an taiceachadh dyslexia a lorg tràth ann an daoine òga.

Tuilleadh air an sgeulachd seo