An Glen Sannox mar shoitheach dha na h-Eileanan fad an t-samhraidh

- Air fhoillseachadh
Dhearbh CalMac gum bi an Glen Sannox a' frithealadh air prìomh sheirbheisean nan Eilean Siar tron t-samhradh ma bhios feum orra.
Tha an Isle of Arran gu bhith air a cleachdadh anns an aona dòigh ach airson seirbheisean air Chluaidh agus ann an Earra-Ghàidheal.
Tha an MV Glen Sannox comasach air a bhith air seirbheis Bharraigh, seirbheis Na Hearadh/Uibhist/An Eilein Sgitheanaich agus seirbheis Ulapuil/Steòrnabhaigh.
Tha am bàta mar-tha air a bhith eadar Bàgh a' Chaisteil agus an t-Òban agus air seirbheis Steòrnabhaigh a dh'Ulapul.
CalMac a' gluasad an Glen Sannox gu seirbheis Steòrnabhaigh
- Air fhoillseachadh13 An Giblean
CalMac an dùil an Glen Sannox is an Isle of Islay a chur air slighean nan Eilean Siar
- Air fhoillseachadh1 An Giblean
Cùmhnant an Alfred air a leudachadh
- Air fhoillseachadh4 An t-Ògmhios 2025
Thuirt Àrd-oifigear ChalMac Donnchadh Mackison gun robh iad toilichte gu robh dà shoitheach aca deiseil airson a dhol gu àite sam bith far a bheil trioblaidean tecnigeach ann an aithghearrachd.
"Bha earrach dùbhlanach aig CalMac agus aig na coimhearsnachdan air a bheil sinn a' frithealadh ach tha sinn air seirbheis a th' air a bhith an ìre mhath seasmhach fhaicinn fad mìos a-nise agus faodaidh sinn planaichean a dhèanamh le misneachd airson a' chòrr den t-samhradh seach gu bheil an dà shoitheach seo againn," thuirt Mgr Mackison.
Tha clàr-ama an t-samhraidh a' ruith gu Là na Sàbainn 18mh den Dàmhair, taobh a-muigh.