£3m do ghnothachasan eileanach fo bhuaidh staing nan aiseagan

Bha 10 soithichean le CalMac a bha a-mach à seirbheis aig aon àm na bu thràithe den bhliadhna
- Air fhoillseachadh
Gheibh gnothachasan eileanach air an tug buaireadh nan aiseagan buaidh earrann de £3m thairis air a' bhliadhna-ionmhais seo mar phàirt de phrògram taice o Riaghaltas na h-Alba.
Dh'adhbhraich trioblaidean le grunn soithichean troimhe-chèile air lìonra aiseagan Chaledonian Mhic a' Bhriuthainn na bu thràithe am-bliadhna.
Ri linn sin gheall am Prìomh Mhinistear Iain Swinney ann an iomairt taghadh Holyrood gun stèidhicheadh riaghaltas ùr SNP maoin £10m airson seasmhachd eileanaich.
Dhearbh Mgr Swinney a' chiad earrann den mhaoineachadh, a tha ga lìbhrigeadh tro Iomairt na Gàidhealtachd 's nan Eilean (HIE) air thoiseach air turas trì là dha na h-Eileanan Siar air an tadhail e air Barraigh, Uibhist a Deas, Griomsaigh, Scalpaigh, na Hearadh agus Leòdhas.
"Tha beairteas tàlaint, ùr-ghnàthachaidh agus tionnsgain ann an eileanan na h-Alba, ach 's ann ro thric a tha gnothachasan eileanach gan cumail air ais le suidheachaidhean air nach eil smachd aca," thuirt e.
"Cumaidh a' mhaoin seo taic ri gnothachasan mu choinneimh suidheachaidh dhùbhlanaich, gan cuideachadh gu soirbheachadh agus a' dèanamh cinnteach gu bheil eileanan na h-Alba fhathast tarraingeach do luchd-gnothaich."
Sheall rannsachadh a rinn Turasachd Innse Gall gun robh 96% de ghnothachasan eileanach air a bhith le duilgheadasan ri linn suidheachadh nan aiseagan bho thoiseach na bliadhna seo.

Tha Mgr Swinney air turas trì là dha na h-Eileanan Siar
Thuirt am Prìomh Mhinistear gum faigheadh gnothachasan taic sa bhad, fhad 's a stèidhichear taic 'son na h-ùine fada air thoiseach air taghadh 2031.
Chuir stiùiriche Iomairt agus Taic Coimhearsnachd aig HIE, Rachel Hunter, fàilte air an airgead.
"Nì Maoin Seasmhachd nan Eilean cinnteach gum faigh barrachd choimhearsnachdan agus raointean gnothachais eileanach air an tug buaireadh nan aiseagan buaidh taic," thuirt i.
"Le bhith a' leudachadh cothrom air an taic, 's urrainn dhuinn taic phractaigeach do ghnothachasan agus buidhnean coimhearsnachd air an tàinig cosgaisean agus dùbhlain a bharrachd air nach robh smachd aca."
Thuirt Ms Hunter gun cuireadh HIE fios air buidhnean a fhuair taic ann an cuairtean taice roimhe, 's nach fheumadh iad cur a-rithist airson taice.
Faodar cur airson taic fon chuairt seo den mhaoin bho 12:00f Diluain an 17mh là den Lùnastal.
Tuilleadh air an sgeulachd seo
- Air fhoillseachadh14 An Giblean

- Air fhoillseachadh13 An Giblean

- Air fhoillseachadh8 An Giblean
