Blàr Buidhe ga dèanamh na àitichean-fuirich do luchd-obrach SSEN

Dhùin an dachaigh-cùraim sa Ghiblean 2025 's tha an togalach air a bhith falamh bhon uair sin
- Air fhoillseachadh
Thèid seann dachaigh-cùraim Blàr Buidhe ann an Steòrnabhagh a dhèanamh na h-àitichean-fuirich do luchd-obrach SSEN Transmission.
Chaidh cead a thoirt airson an togalach air Rathad Shìm atharrachadh gus am bi 27 seòmar ann, le dithis anns gach seòmar air a' char as motha.
Tha dùil gun toir an obair mu bhliadhna a chrìochnachadh, 's gum bi an t-àite fosgailte as t-samhradh an ath-bhliadhna.
Bhiodh an luchd-còmhnaidh ag obair air Hub Leòdhais - fo-stèisean mòr a thèid a thogail air Mòinteach Àranais airson dealan bho thuathanasan-gaoithe an eilein a làimhseachadh 's a chur ris a' ghriod nàiseanta.

Bidh na ceudan leapannan a dhìth airson luchd-obrach a bhios a' togail Hub Leòdhais
Tha cùmhnantan an cois a' chead-dealbhachaidh a fhuaireas airson Blàr Buidhe, le feum air beul rathaid na làraich a leudachadh nam measg.
Mar phàirt den obair, thèid còmhdach fiodha a th' air taobh a-muigh an togalaich an-dràsta a thoirt dheth, 's bùird seamaint a chur na àite.
Thèid cuideachd dà ghazebo a thogail, agus seòmar-uidheamachd, agus thèid na tha de dh'àitichean parcaidh a leudachadh gu mòr bho 17 gu 42, a thuilleadh air trì àitichean ciorramach.
Dh'fhosgail Blàr Buidhe mar dhachaigh-cùraim ann an 1992, 's e ga ruith sna bliadhnaichean mu dheireadh leis a' chompanaidh HC-One mus do dhùin i sa Ghiblean 2025.
Luchd-còmhnaidh air gluasad a-mach à Blàr Buidhe
- Air fhoillseachadh1 An Cèitean 2025
Dachaigh-cùraim Blàr Buidhe gus dùnadh
- Air fhoillseachadh18 An t-Sultain 2024
A' chiad chùmhnant mòr airson Hub Leòdhais air a thoirt seachad
- Air fhoillseachadh14 Am Faoilleach
Ghluais an luchd-còmhnaidh gu dachaigh ùr aig Bremner Court ann an Steòrnabhagh.
Tha Blàr Buidhe fhèin air a bhith falamh bhon uair sin.
'S e a-nise an làrach as ùire a chaidh a dhearbhadh mar àitichean-fuirich do luchd-obrach SSEN ann an Leòdhas, agus na ceudan leapannan a dhìth.
Chaidh cead a thoirt mar thà do champa far Rathad Ghlinn Seilich air iomall Steòrnabhaigh, agus taighean ann am Barabhas airson an luchd-obrach.
Cead do champa luchd-obrach an Steòrnabhagh 's do thaighean am Barabhas
- Air fhoillseachadh24 An t-Ògmhios
Beatha ùr do Thaigh-òsta a' Chaley
- Air fhoillseachadh29 Am Faoilleach
Flataichean am Port Rìgh gu bhith air an sgeadachadh
- Air fhoillseachadh24 An t-Sultain
Tha a' chompanaidh cuideachd air aonta a ruighinn le Comhairle na Gàidhealtachd o chionn ghoirid airson còig flataichean ann am Port Rìgh san Eilean Sgitheanach a leasachadh mu choinneimh pròiseict a tha san amharc aig SSEN airson ùrachadh a thoirt air loidhne dealain.
Tha na flataichean sin ann am Port Rìgh, agus taighean ùra ann am Barabhas, mar phàirt de dhìleab mhaireann na h-obrach, agus bidh iad rim faotainn do mhuinntir an àite air a' cheann thall.
A thuilleadh air sin, thèid seann taigh-òsta a' Chaledonian ann an Steòrnabhagh a sgeadachadh ach an gabh e fosgladh às ùr, le luchd-obrach SSEN a' fuireach ann a' chiad ghreis, mus fhosgail e don phoball.