Cead do champa luchd-obrach an Steòrnabhagh 's do thaighean am Barabhas

An làrach a tha san amharc
  • Air fhoillseachadh

Thug Bòrd Dealbhachaidh Comhairle nan Eilean Siar seachad cead airson campa do luchd-obrach a thogail air iomall Steòrnabhaigh.

Bhiodh àiteachan-fuirich sealadach agus goireasan eile ann do suas ri 200 neach san leasachadh aig Balfour Beatty air làraich air a bheil an Old Dormitory air Rathad Ghleann Seilich air iar-dheas a' bhaile.

'S iad luchd-obrach a bhiodh ag obair air Hub ùr Leòdhais is air pròiseactan ath-nuadhachail ceangailte ris a bhiodh a' fuireach aig a' champa.

Bhiodh an cead-dealbhachaidh ann airson còig bliadhna is rachadh an campa a thoirt às a' chèile às dèidh sin.

Barabhas

Chaidh cead a thoirt cuideachd Diciadain airson ochd taighean a thogail ann am Barabhas.

Tha 21 là a-nise aig Urras Oighreachd Bharabhais aontachadh ris an seo.

Tha seo is an t-urras air a ràdh nach deach innse dhaibh le Urras Oighreachd Ghabhsainn gum biodh slighe-coiseachd, a tha mar phàirt den phlana a tha eadar an dà oighreachd (Barabhas Uarach agus Iarach) - a' ceangal ri slighe-coiseachd a th' ann am Barabhas Iarach.

Tuilleadh air an sgeulachd seo