Prìomh-rathad Thròndarnais a-nis fosgailte às ùr an dèidh maoime-slèibhe

Clachan agus ùir a thàinig a-nuas air rathad ga dhùnadh
  • Air fhoillseachadh

Tha rathad san Eilean Sgitheanach a chaidh a dhùnadh ri linn maoime-shlèibhe air fhosgladh às ùr do charbadan.

B' fheudar draibhearan slighe eile 40 mìle a ghabhail an dèidh mar a chaidh am prìomh-rathad timcheall a' chinn a tuath a chòmhdach le clachan agus ùir aig lùb Idrigill faisg air Ùige.

Tha Comhairle na Gàidhealtachd ag ràdh gu bheil an obair airson an sprùilleach a thoirt air falbh agus an talamh a neartachadh a-nis ullamh.

Cha deach duine a ghoirteachadh sa mhaoim-slèibhe a chaidh a chlàradh air CCTV bho thaigh faisg air làimh.

Tha an A855 a' dol timcheall Thròndarnais an ceann a tuath an eilein.

Thuirt Comhairle na Gàidhealtachd: "Tha an A855 aig lùb Idrigill a-nis fosgailte do charbadan an dèidh obair-chàiridh, daingneachadh agus drèanadh.

"Taing mhòr do luchd-cleachdaidh an rathaid agus a' choimhearsnachd airson an taice fhad 's a bha an rathad dùinte an dèidh na maoime-slèibhe Dihaoine."

Tuilleadh air an sgeulachd seo