Cha tig atharrachadh air feumalachdan Gàidhlig nan còisirean aig a' Mhòd

Còisir a' seinn aig a' mhòd ann an Loch Abar ann an 2025Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

Tha An Comunn Gàidhealach air leigeil fhaicinn nach tig atharrachadh air structar farpaisean chòisirean aig a' Mhòd Nàiseanta Rìoghail no air feumalachdan a thaobh na Gàidhlig aig an ìre seo.

Bha An Comumm air planaichean connspaideach fhoillseachadh an-uiridh a bhiodh a' ciallachadh gum biodh aig còisirean ri Gàidhlig ionnsachadh gu ìre nas coileanta do na buill aca.

Ach an dèidh do mhòran chòisirean iomagain a thogail mun sin, dhearbh An Comunn nach cuir iad riaghailtean teann a thaobh na Gàidhlig an sàs an-dràsta.

Thuirt iad gun lean conaltradh mu fharpaisean a leasachadh ge-tà, agus gu bheil iad a' dol a chruthachadh co-fharpais ùr do chòisirean nas lugha bho an ath-bhliadhna.

Bidh cuideachd tachartas nan còisirean cruinnichte ga chumail airson seinneadairean òga bho 2027.

A' foillseachadh nam planaichean ann an 2025, dh'innis An Comunn Gàidhealach gum biodh iad ag obair ann an co-bhonn le Sabhal Mòr Ostaig agus Speak Gaelic gus an toirt air adhart.

Bha iad a' moladh siostam measaidh ùr airson nam prìomh ceithir farpaisean còisir an àite siostam nan càirtean Òir, Airgid agus Umha a th' ann.

Thuirt iad an uairisin gun robh e fìor chudromach gun dèidheadh suidheachadh na Gàidhlig anns na còisirean a neartachadh agus gur e brosnachadh seach peanasachadh a bha san amharc.

A' bruidhinn air Aithris na Maidne Diluain, thuirt Cathraiche a' Chomuinn, Magaidh Choineagan: "Tha tuilleadh obrach againn ri dhèanamh còmhla ris na còisirean gun tig sinn gu co-dhùnadh dè an dòigh às fheàrr a' Ghàidhlig a bhrosnachadh, agus aig an aon àm daoine a mhisneachadh airson a bhith a' gabhail barrachd ùidh ann an Gàidhlig.

"'S e conaltradh a tha cudromach agus tha e cuideachd cudromach na còisirean a thoirt leinn, agus nì sinn obair anns a' bhliadhna a tha romhainn gus sin a dhèanamh", thuirt i.

Còisir is iad a' buannachadh farpais ann an 2025Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Tha 22 farpaisean còisir eadar òigridh agus inbhich gan cumail aig a' Mhòd Nàiseanta

Thuirt Jackie Cotter, Ceann-suidhe Chomunn nan Còisirean Gàidhlig, "Tha sinn air leth toilichte a bhith a' gluasad air adhart, ann an co-bhonn ris A' Chomunn Ghàidhealach agus muinntir nan còisirean Gàidhlig.

"Faodaidh atharrachadh sam bith a bhith na chùis iomagain, agus tha e cudromach gu bheil sinn ag obair còmhla gus am faigh sinn seo ceart.

"Feumaidh sinn dìon a chur air a' bheartas a th' againn fhad 's a tha sinn cuideachd a' coimhead ris an àm ri teachd."

Bidh am Mòd Nàiseanta Rìoghail ann an Glaschu eadar an 9mh agus an 17mh den mhìos.

Tuilleadh air an sgeulachd seo