40 bliadhna de dh'fhoghlam Ghàidhlig aig consart fosglaidh a' Mhòid

Carrie NicNèill agus Phil McHughTùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
  • Air fhoillseachadh

'S e dithis de na ciad sgoilearan a chaidh tro Fhoghlam tro Mheadhan na Gàidhlig ann an Glaschu - Phil McHugh agus Carrie NicNèill - a bhios os cionn consairt fosglaidh a' Mhòid Nàiseanta Rìoghail anns a' bhaile oidhche Haoine.

Thèid a' chuirm - Àr Cànan 's àr Ceòl - a chumail aig Tallachan Consairt Rìoghail Ghlaschu, agus e a' toirt dhaoine air chuairt chianalais bho làithean tràth Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig anns a' bhaile suas chun an là an-diugh.

Tha 40 bliadhna ga chomharrachadh am-bliadhna bho dh'fhosgail a' chiad aonad Gàidhlig aig Sgoil Sir John Maxwell, agus a-niste còig sgoiltean Gàidhlig ann an Glaschu.

Bha Phil am measg nan ciad sgoilearan a bh' anns an aonad Ghàidhlig aig Sgoil Sir John Maxwell ann an 1985.

"Tha e na urram a bhith an sàs agus mo thaic do Mhòd Nàiseanta Rìoghail 2026 a shealltainn," thuirt e.

"Tha mo cheangal ris a' Ghàidhlig làidir. Fhuair mi Foghlam tro Mheadhan na Gàidhlig aig aonadan Sir John Maxwell agus Cnoc na Pàirce eadar aoisean 4 is 17.

"'S iomadh doras a dh'fhosgail sin agus cuimhneachan a th' agam air sgàth 's an fhoghlam sin. Càirdeasan, is cothroman am pailteas.

"Tha a' Ghàidhlig air buaidh nach beag a thoirt air mo bheatha is tha mi air mo dhòigh an cànan, cultar agus coimhearsnachd fhaicinn air àrd-ùrlar cho cliùiteach."

Ceòladairean òga nan seasamh air drochaid ann an Glaschu le suaicheantas a' Mhòid air là soilleir grianach.Tùs an deilbh, An Comunn Gàidhealach
Fo-thiotal an deilbh,

Bidh am Mòd a' ruith bhon 9mh là den Dàmhair, chun an 17mh

Thèid film sònraichte a shealltainn an cois a' chonsairt, a thuilleadh air ceòl ùr air a chluich le orcastra de sgoilearan an là an-dè 's an-diugh, agus luchd-ciùil air aoigheachd a' nochdadh tron oidhche.

Tha ceangal gu h-àraid aig Carrie ri toiseach foghlaim Ghàidhlig ann an Glaschu, agus a màthair air a' chiad tidsear ann.

"Chruthaich FTMG coimhearsnachd làidir bhon toiseach agus thug e dòchas dhan chànan is dhan chultar son an àm ri teachd," thuirt i.

"Thug na cothroman a fhuair mi tro FTMG buaidh mhaireannach air mo bheatha air fad.

"Mar thidsear Gàidhlig sa bhaile mi fhìn a-nise, tha e iongantach dhomh an t-adhartas a chaidh a dhèanamh bho na làithean tràtha sin fhaicinn."

Bidh am Mòd a' ruith bhon 9mh là den Dàmhair, chun an 17mh, le mu 300 consairt, farpais, cèilidh, taisbeanadh, òraid agus tachartasan eile air a' chlàr-ghnothaich dhan 10,000 duine a thathas an dùil a thadhaileas air.