Faochadh bho ADT air seirbheisean-adhair na Gàidhealtachd

Port-adhair Beinn na Faoghla
  • Air fhoillseachadh

Dhearbh Riaghaltas na h-Alba gum bi seirbheisean-adhair a-mach is a-steach às a' Gàidhealtachd 's na h-Eileanan gu puirt-adhair eile na h-Alba uile saor bho chìs ùr a thòisicheas an ath-bhliadhna.

Cha bhi tuilleadh ge-tà, faochadh air seirbheisean-adhair eadar-nàiseanta às a' Ghàidhealtachd.

Thèid cìs ùr ADT an àite APD mar a tha ann an-dràsta bhon Ghiblean 2027.

Fhuair Riaghaltas na h-Alba cumhachd tro Achd na h-Alba 2016 gus cìs ùr a chur air luchd-siubhail adhair bho phuirt-adhair na h-Alba, a rachadh an àite cìs APD aig Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte.

Bha faochadh bho APD aig seirbheisean-adhair às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan gu puirt-adhair air feadh an t-saoghail bho 2001.

Bha Riaghaltas na h-Alba an dùil bho thùs cìs ùr ADT a chur an sàs bho 2018 ach chaidh dàil air gnothaichean is ceist ann mu riaghailtean taic stàite.

Tha an riaghaltas a-nise air foillseachadh gun tig a' chìs ùr a-steach aig toiseach a' Ghiblein 2027.

A thuilleadh air seirbheisean-adhair às a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan gu puirt-adhair na Rìoghachd Aonaichte, bidh faochadh cuideachd a-nise 'son a' chiad uair air seirbheisean à puirt-adhair eile na h-Alba gu puirt-adhair aig tuath.

Ach bidh a' chìs a-nise air seirbheisean eadar-nàiseanta bhon Ghàidhealtachd is na h-Eileanan - rud nach robh ann le APD.

Bha Riaghaltas na h-Alba mar-thà air innse gum bi ADT ann an 2027/28 aig an aon ìre 's a bha APD.

Dh'innis iad cuideachd gu bheil iad an dùil cìs ùr air plèanaichean prìobhaideach a thoirt a-steach bho 2028.

"Tha faochadh ADT ag aithneachadh nan dùbhlan sònraichte a th' ann do dhaoine agus gnothachasan air a' Ghàidhealtachd is na h-Eileanan is cumaidh e taic ri coimhearsnachdan," thuirt an Leas-Phrìomh Mhinistear agus Rùnaire an Ionmhais, Jenny Gilruth.