Iomairt chobhair air pàigheadh mhaor-cladaich shaor-toileach

- Air fhoillseachadh
Coinnichidh maoir-chladaich shaor-thoileach ri buill-phàrlamaid an dèidh dha Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich moladh gun tèid sgur gam pàigheadh airson a bhith a' freagairt ghairmean èiginneach.
Tha e air a bhith comasach do dh'oifigearan saor-thoileach £11 gach uair fhaighinn airson na h-obrach - gach cuid a' freagairt ghairmean agus a' trèanadh - ach bhon t-Sultain a-mach cha tèid am pàigheadh tuilleadh, an dèidh riaghladh cùirte.
Thuirt Buidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich gu bheil an riaghladh sin a' ciallachadh gum feum iad mar a tha an t-seirbheis ga ruith atharrachadh.
Fo mholadh ùr air a bheil co-chomhairle ga dèanamh, gheibheadh iad an cuid chosgaisean air ais a-mhàin.
Tha BP nan Eilean Siar, Torcuil Crichton, am measg bhall a th' air càineadh a dhèanamh air na planaichean.
"Nuair a bhruidhinn mi ri maoir-chladaich shaor-thoileach ann an Steòrnabhagh agus air feadh nan Eilean Siar, 's e an teachdaireachd a bh' aca - teachdaireachd a fhuair am ministear tha mi an dòchas - a bhith a' cur stad rè ùine air a' cho-chomhairle seo, a dhol air ais 's a dh'èisteachd ri oifigearan, ris an obair riatanach a bhios iad a' dèanamh," thuirt Mgr Crichton 's e a' bruidhinn ann an Taigh nan Cumantan.
"Chan e a-mhàin ann an teasairginn cladaich, ach ann a bhith a' toirt luchd-cùraim agus luchd-obrach èiginneach gu seann daoine ann an èis."
Mì-thlachdmhor
Thuirt BP Arcaibh is Sealtainn, Alasdair MacIlleMhìcheil, nach bu chòir do na planaichean a dhol air adhart.
"A bhith an dùil gun dèan daoine na bhios maoir-chladaich shaor-thoileach a' dèanamh - uaireannan a' coiseach a' chladaich airson làithean sreath a chèile ann an iomairtean iom-fhillte, 's uaireannan a' dèiligeadh ri stuth a tha gu math mì-thlachdmhor 's doirbh - 's a bhith ag ràdh gum faigh iad faradh a' bhus aca dhachaigh deireadh an là, chan eil sin math gu leòr," thuirt e.
"Feumaidh an riaghaltas smachd fhaighinn air a' bhuidhinn seo, feumaidh iad faighinn a-mach dè th' air a bhith a' dol air adhart, 's a chur ceart.
"Ma tha e riatanach an lagh atharrachadh airson saor-thoileachd mhaor-cladaich a ghlèidheadh mar as aithne dhuinn e, bu chòir sin a dhèanamh."