Naidheachdan 11:00m
Sir Keir Starmer
Bidh Sir Keir Starmer aig Ceistean a' Phrìomhaire sna Cumantan airson an turas mu dheireadh an-diugh mus gabh Andy Burnham àite. Tha dùil gun tèid Mgr Burnham ainmeachadh gu foirmeil mar cheannard air na Làbaraich Dihaoine, agus gum builich an uair sin an Righ dreuchd a' Phrìomhaire air aig Lùchairt Bhuckingham Diluain.
Cogadh
Thug na Stàitean Aonaichte tuilleadh ionnsaigh air Iran air feadh na h-oidhche, an dèidh casg a stèidheachadh uair eile air puirt mara Iranianach. Tha Tehran ag ràdh gum fuirich Caolas Hormuz dùinte gus an sguir ionnsaighean Aimeireaganach oirre. Ach tha Mgr Trump a' maoidheadh ionnsaigh air ionadan cumhachd agus drochaidean Iran mura till Tehran gu còmhraidhean.
Ola
Thàinig Ùghdarras na Farpais is na Margaidh dhan cho-dhùnadh gun do ghabh companaidhean ola brath air mòran a tha a' cleachdadh ola airson teas na dachaigh leis mar a chuir iad prìsean suas gu mòr nuair a thòisich cogadh Iran. Tha aithisg an-diugh bhon ùghdarras ag ràdh gur ann air sgìrean iomallach na h-Alba as motha a thug sin buaidh, 's iad ag iarraidh air Riaghaltas na Rìoghachd Aonaichte na h-aon chòraichean is dìon a thoirt do dh'fheadhainn aig nach eil roghainn ach ola airson teas 's a th' aig luchd-cleachdaidh dealain is gas.
Maoir-chladaich
Tha maoir-chladaich shaor-thoileach a' coinneachadh ri buill-phàrlamaid an-diugh is coltas ann nach fhaigh iad pàigheadh tuilleadh. Tha sin an dèidh moladh bho Bhuidheann na Mara 's nam Maor-Cladaich agus riaghladh cùirte gun sguir am pàigheadh airson gairm gu èiginn agus trèanadh.
ADT
Bidh seirbheisean-adhair na Gàidhealtachd 's nan Eilean uile saor bho chìs ùr a thòisicheas anns a' Ghiblean an ath-bhliadhna. Cho-dhùin Riaghaltas na h-Alba nach bi cìs ADT air seirbheisean gu ruige na Gàidhealtachd 's nan Eilean nuair a thèid i sin an àite cìs an luchd-siubhail APD an ath-bhliadhna.